Àireamhan FtMG anns na h-Eileanan an Iar aig "ìre eachdraidheil"

FtMG
  • Air fhoillseachadh

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil dùil gum bi 57% de chloinn a thòisicheas ann an Clas 1 aig ìre na bun-sgoile san sgìre san Lùnastal ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig - an àireamh as àirde gu seo.

Thug an t-ùghdarras ionadail poileasaidh ùr a-steach ann an 2020 is clann a' dol taobh na Gàidhlig mura bi iarrtas ro-làimh gur ann gu foghlam Beurla a thèid iad.

Thàinig e am bàrr san t-Sultain an-uiridh gun robh 42% de chloinn a thòisich sa bhun-sgoil ann an 2024 ann am FtMG - lùghdachadh 12% air 2023/24.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar ag an àm gun robh iad misneachail nach leanadh an lùghdachadh sin.

Tha iad ag ràdh a-nise gur e dreach fhigearan a tha seo 'son 2025/26 stèidhichte air clann a tha air clàradh ach gu bheil iad "eachdraidheil".

Cleachd i

'S e 57% an àireamh as àirde bho thug iad am poileasaidh ùr a-steach ann an 2020 is tha na figearan cuideachd a' ciallachadh gum biodh 49% de sgoilearan aois bun-sgoile air feadh nan Eilean Siar clàraichte ann am foghlam Gàidhlig.

Tha an t-ùghdarras ag ràdh gu bheil iad air an dòigh leis na h-àireamhan ach gu bheil e fìor chudromach gun cleachd a h-uile duine aig a bheil Gàidhlig an cànan sa choimhearsnachd.

"'S e àm fìor mhath a tha seo don Ghàidhlig anns na h-Eileanan Siar," thuirt Anna Ghreumach bho Chomhairle nan Eilean Siar

"Tha neart FtMG chan ann a-mhàin nar sgoiltean, ach nar coimhearsnachdan.

"Tha sinn ag iarraidh air a h-uile duine a bhith moiteil às a' chànan agus ga cleachdadh leis an òigridh nam beatha.

"Buinidh a' Ghàidhlig dhuinn uile – agus tha a soirbheachadh san àm ri teachd an urra ris a h-uile duine againn a bhith ga cleachdadh."