Tiodhlacadh eadar-dhealaichte do Phàpa eadar-dhealaichte

Tha an Ròimh air a bhith a' comharrachadh bàs a' Phàpa PrainnseasTùs an deilbh, Reuters
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an Ròimh air a bhith a' comharrachadh bàs a' Phàpa Prainnseas

  • Air fhoillseachadh

Thèid am Pàpa Prainnseas a thiodhlacadh san Ròimh an-diugh.

Eu-coltach ris a h-uile Pàpa bho 1903, cha tèid a thiodhlacadh aig a' Bhasilica a tha a' mhòr-chuid a' ceangal ri oifis a' Phàpa.

Chan ann ann am Basilica an Naoimh Peadar a bhios ciste Phrainnseis a' fuireach idir, ach aig Basilica Santa Maria Maggiore.

Thigeadh am Pàpa a dh'ùrnaigh aig Santa Maria Maggiore gu tric.Tùs an deilbh, Reuters
Fo-thiotal an deilbh,

Thigeadh am Pàpa nach maireann a dh'ùrnaigh aig Santa Maria Maggiore gu tric

Seo eaglais air am biodh am Pàpa Prainnseas a' tadhal a h-uile turas a thilleadh e air ais dhan Eadailt às dèidh a bhith air aon den iomadh turas aige a-null-thairis a chumail aifreannan agus a bhruidhinn mun t-Soisgeul fada agus farsaing.

Bha am Pàpa nach maireann gu sònraiche measail air icon de Mhoire agus i a' cumail Ìosa na phàiste a tha ri fhaicinn anns a' bhasilica sin – 'Salus Populi Romani'.

Bhiodh e a' cur ùine seachad ann an ùrnaigh faisg air an icon seo airson taing a thoirt airson turas shàbhailte.

A-niste, le turas a bheatha seachad, bidh a chorp air a chumail anns an àite a bha Prainnseas a' ceangal ri dìon à Nèamh.

Pàpa mì-àbhaisteach

Mar a tha roghainn na làraich-tiodhlacaidh aige ag innse, cha robh Prainnseas na Phàpa àbhaisteach.

B' e a' chiad fhear à Aimeireaga a Deas a chaidh a thaghadh mar easbaig na Ròimhe.

B' e cuideachd a' chiad fhear a bhuinneadh do dh'Òrdugh nan Ìosaid a chaidh a thaghadh mar Phàpa.

Le bhith a' taghadh Prainnseas mar ainm – às dèidh Naomh ainmeil Assisi – rinn e a dhlùths ri daoine bochda agus cruthachadh Dhè soilleir.

Bha òraid agus ùrnaigh Phrainnseis aig toiseach a' phandemic cumhacdach do mhòranTùs an deilbh, Reuters
Fo-thiotal an deilbh,

Bha òraid agus ùrnaigh Phrainnseis aig toiseach a' phandemic cumhacdach do mhòran

'S e Pàpa a bha ann am Prainnseas a bha fìor mhath air ìomhaighean fhàgail aig daoine a dh'fhuiricheadh nan cuimhne.

Cha robh mòran dhiubh sin nas cumhachdaiche na nuair a chùm Prainnseas òraid 'Urbi et Orbi' mu choinneimh ceàrnag a bha gu tur falamh aig toiseach a' phandemic ann an 2020.

Gun cheist, sin àm cho doirbh 's a bha air a bhith aig mòran nam beatha.

Le bhith a' bruidhinn ri ceàrnag fhalamh, bha Prainnseas a' bruidhinn ris an t-saoghal. Le bhith a' cumail an t-Sàgramaid Naoimh suas anns an dorchadas, bha Prainnseas a' togail solas Dhè na mheadhan.

Ach 's e fear a bh' ann aig an robh stoidhle riaghlaidh nach robh gun chonnspaid.

Eadar roghainnean airson pearsaichean a chuireadh e ann an dreuchdan àrda anns an eaglais, agus cho dèonach 's a bha e a chumhachd mar Phàpa a chleachdadh, chuir e cais air cuid anns an eaglais.

Sgrìobh e gu math a bharrachd àrd-òrdughan (ris an canar 'motu proprio' anns an eaglais) na Benedict XVI agus Eòin Pòl II air an cur ri chèile.

An Ròimh a' caoidh a h-easbaig

An t-seachdain seo ge-tà, tha an Roìmh air a bhith a' caoidh airson a h-easbaig.

B' e an 266mh easbaig aig a' bhaile shìorraidh, agus tha muinntir na h-Eadailt air nochdadh nan deichean mhìltean airson coiseachd seachad air ciste an fhir aig an robh dìthis phàrantan Eadailteach.

Tha daoine air tighinn bho iomadh àite airson coiseachd seachad air ciste a' PhàpaTùs an deilbh, Reuters
Fo-thiotal an deilbh,

Tha daoine air tighinn bho iomadh àite airson coiseachd seachad air ciste a' Phàpa

Tha agus daoine bho iomadh àite eile. Tha colonnade Bhernini aig an Vatican air an dealbhachadh mar ghàirdeannan a tha a' sìneadh a-mach dhan t-saoghal.

An t-seachdain seo, tha an saoghal air tighinn dhan Ròimh.

Bidh aig còrr air 130 càirdineal ri taghadh cò thig às dèidh Prainnseas.Tùs an deilbh, Reuters
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh aig còrr air 130 càirdineal ri taghadh cò thig às dèidh Prainnseas.

Am measg an fheadhainn a tha air tighinn tha na càirdinealan a bhios a' taghadh cò thig às dèidh Phrainnseas.

Bidh deasbadan a' dol mar-thà mu dheidhinn a bhith a' leantainn air neo a' tionndadh air falbh bhon dusan bliadhna mu dheireadh.

Ach chuir aon chàirdineal mar seo e: "Chan eil sinn a' taghadh cò thig às dèidh Phrainnseas, ach cò thig às dèidh Pheadair."

Tha rosg Laideann air gearradh-arm Phrainnseis a tha iomchaidh airson deireadh a bheatha ge-tà.

'Miserando eligendo atque.' Sin faclan bho homalaidh aig an Naomh Bede.

Ann na Gàidhlig: 'A' sealltainn tròcair, chaidh a ghairm.'