Rothaiche a bha a' farpais san Etape air bàsachadh an tubaist rathaid

Làrach na tubaistTùs an deilbh, JASPERIMAGE
  • Air fhoillseachadh

Rinn Poileas Alba tagradh 'son fiosrachaidh às dèidh mar a chaochail rothaiche a bha a' farpais ann an Etape Loch Nis às dèidh tubaist le càr.

Thachair an tubaist air Rathad Island Bank ann an Inbhir Nis mu 12:10f Didòmhnaich.

Thuirt na Poilis gur e tubaist eadar baidhseagal is BMW 120 M Sport a bh' ann.

Chaidh rothaiche, fireannach aois 49, a thoirt gu Ospadal an Ràthaig Mhòir ach chaochail e goirid às dèidh làimh.

Cha deach fireannach a bha a' dràibheadh am BMW is boireannach a bha sa chàr còmhla ris a ghoirteachadh.

Bha an rathad dùinte fhad 's a bha poilis a' rannsachadh is dh'fhosgail e às ùr mu 6:00f.

"Tha ar smuaintean le teaghlach is caraidean an duine a chaill a bheatha," thuirt an Sàirdseant Lewis MacLeòid bho Phoileas Alba.

"Tha sinn airson bruidhinn ri duine sam bith a chunnaic an tubaist."

Bu chòir fios a chur gu Poileas Alba air 101 is àireamh 1334 27/04 a thoirt seachad.

Bha còrr is 6,000 neach a' rothaireachd ann an Etape Loch Nis Didòmhnaich.

Thuirt an Etape gu bheil iad ag obair le Poileas Alba.

"Tha sinn troimh-chèile dha-rìribh leis an naidheachd seo is tha ar smuaintean le teaghlach is caraidean an rothaiche," thuirt stiùiriche Etape Loch Nis, Calum Sutharlanach.

"Tha sinn a' cumail taic riutha is daoine eile air a bheil seo air buaidh a thoirt," thuirt e.