Loidhne rèile a' Chaoil dùinte

An loidhne fo sprùilleach aig Stèisean Achadh nan AlltTùs an deilbh, NETWORK RAIL
  • Air fhoillseachadh

Tha loidhne rèile a' Chaoil dùinte agus tuil air a chur fodha an dèidh uisge trom Diluain.

Chaidh seirbheisean eadar Inbhir Nis agus Caol Loch Aillse a chur dheth ri linn.

Nuair a chaidh sùil a thoirt air làrach na tuile aig Achadh nan Allt, an ear air Achadh na Sìne, aig glasadh an là bha an t-uisge air falbh, ach bha sprùilleach a' bacadh na loidhne.

Tha Network Rail ag ràdh gu bheil iad ag obair gus eabar a thoirt far na rèile cho luath 's a ghabhas.

Tha busaichean air an cur an àite thrèanaichean, agus tha Stagecoach a' gabhail ri ticeadan trèana eadar Inbhir Nis agus Inbhir Pheofharain, agus air busaichean CityLink eadar Inbhir Nis agus Caol Loch Aillse.

An tuilTùs an deilbh, NETWORK RAIL