Rabhadh gu bheil barrachd ghartan sna h-Eileanan Siar am-bliadhna

- Air fhoillseachadh
Tha rabhadh ga thoirt gu bheil gartain gu math pailt anns na h-Eileanan Siar am-bliadhna, agus NHS na sgìre air comhairle a nochdadh às ùr air mar a bu chòir do dhaoine an cumail fhèin sàbhailte bhuapa.
Ged a tha na h-aireamhan de dhaoine le tinneas Lyme air tuiteam tha Iseabail NicAonghais, a tha na banaltram Dìon Slàinte, airson 's gum bi daoine air am faiceall.
"Tha sinn ag ràdh ri daoine, nuair a thig thu a-mach, aodach soilleir a chur ort," thuirt i.
"Agus chì thu na gartain, dotagan beaga dubha air d' aodach soilleir.
"Ma tha thu a-muigh sa bheinn, no a-muigh, cùm ris na ceumannan, làrach far am bi daoine a' coiseachd tric.
"Chan eil na gartain cho buailteach a bhith ann an sin.
"Agus dèan cinnteach nuair a thig thu a-staigh às dèidh a bhith a-muigh às an taigh, gun coimhead thu air a' chraiceann - feuch le d' làmh mu chuairt a' chraicinn feuch a bheil thu a' faireachdainn sìon.
"'S an uair sin coimhead, 's ma chì thu gartan, nam biodh fear de na spìonadairean gartain agad, airson an gartan a thoirt a-mach gu sàbhailte."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh30 Am Màrt 2021