Sir Jamie McGrigor 1949-2025

Sir Jamie McGrigor Bt
  • Air fhoillseachadh

Tha luaidh ga dhèanamh air Sir Jamie McGrigor, a bha roimhe na Bhall-Pàrlamaid Albannach Thòraidheach dhan Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan, a th' air bàsachadh aois 75.

B' e fear de na ciad bhuill a chuir Bile Prìobhaideach Buill tro Phàrlamaid na h-Alba nuair a chaidh bile a stèidhich Clàr Albannach nan Tartan a chur troimhe ann an 2008.

Thuirt ceannard Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba, Russell Findlay: "Tha mi gu math duilich a chluinntinn mu bhàs Sir Jamie, agus às leth a h-uile duine de Thòraidhean na h-Alba, chuirinn mo cho-fhaireachdainn dha theaghlach 's a charaidean.

"An dèidh dha a bhith air a thaghadh gu pàrlamaid ath-stèidhichte na h-Alba ann an 1999, sheas e cùisean na Gàidhealtachd 's nan Eilean gu daingeann fad 17 bliadhna na BhPA dealasach.

"Rinn e sàr-obair ann an grunn dreuchdan air a' bheingidh aghaidh, an t-iasgach nam measg, bha fèill mhòr air agus bha spèis aig a cho-obraichean dha ge b' e dè an cuid poileataigs."

Rugadh Sir Jamie McGrigor an Lunnainn ann an 1949, do theaghlach le ceangal ri Earra-Ghàidheal, far an deach a thogail, agus chaidh oideachadh aig Colaiste Eton.

Thug e a-mach ceum ann am Frangais Choimearsalta aig Oilthigh Neuchâtel san Eilbheis, mus robh e ag obair ann an ionmhas ann an Cathair Lunnainn, agus ann an roinn a' bhathair ann an Glaschu.

Bha e cuideachd na thuathanach, agus thòisich e tuathanas bhreac an Earra-Ghàidheal anns na 1970an.

Sheas e mar thagraiche nan Tòraidhean anns na h-Eileanan Siar san taghadh choitcheann ann an 1997.

Chaidh a thaghadh gu Pàrlamaid na h-Alba ann an 1999.

Bha e na labhraiche Tòraidheach Albannach air an iasgach, coimhearsnachdan agus spòrs.

Sheas e sìos ann an 2016, a' dol na chomhairliche airson Uard an Òbain a Deas 's nan Eilean air Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid eadar 2017 agus 2022.