Aithne 'son na Gàidhlig aig Fèis nam Meadhanan

Megan NicGill-Fhaolain
  • Air fhoillseachadh

Tha grunn phrògraman is craoladairean Gàidhlig air a' gheàrr-liosta 'son Fèis nam Meadhanan Ceilteach.

Am measg na tha a' nochdadh à BBC ALBA tha Boban is Fuigheag, Ceòl-Sìth, OMC, An Clò Mòr, Dùbhlain DIY, Bothag Phàdruig, Dàna, is Bill agus an Spitfire, a tha ga chur air adhart an dà chuid 'son duais na h-Eachdraidh agus duais Spiorad na Fèise.

Bho BBC Radio nan Gàidheal tha Clàraidhean Polly Hitchcock, Feasgar, Hòro-gheallaidh Ruairidh Gray, is Spòrs na Seachdain air a' gheàrr-liosta.

Bill agus an Spitfire

Tha cuideachd Megan NicGill-Fhaolain air a' gheàrr-liosta 'son preasantair na bliadhna is BBC Radio nan Gàidheal fhèin air a chur air adhart 'son Stèisean na Bliadhna.

Gheibhear an liosta shlàn an seo, taobh a-muigh.

Bidh an fhèis ann an Newquay sa Chòrn eadar an 3mh is 5mh den Ògmhios.