Tòrradh a' Phàpa

- Air fhoillseachadh
Thèid am Pàpa Prainnseas a thiodhlacadh san Ròimh an-diugh.
Chaochail e Diluain na Càisge aig aois 88.
Thuirt a' Bhatacan gun robh e air stròc agus fàiligeadh cridhe fhulang.
Bhon uairsin tha na milleanan air feadh an t-saoghail air a bhith a' dèanamh luaidh air Prainnseas.
Anns an Ròimh fhèin tha na mìltean mòra air urram a shealltainn do chiste-laighe a' Phàpa ann am Basilica an Naoimh Peadar bho Dhiciadain is iad a' feitheamh grunn uairean de thìde gus sin a dhèanamh.
Dhùin dorsan a' Bhasilica a-raoir air thoiseach air an tòrradh an-diugh.

An tòrradh
Tòisichidh an tòrradh aig 10:00m àm ionadail (09:00m BST).
Bidh an t-seirbheis a-muigh air beulaibh Basilica an Naoimh Peadar agus 's e deadhan Colaiste nan Càirdinealan, Giovanni Battista Re, a bhios os a cionn.
Bidh càirdinealan, àrd-easbaigean, easbaigean is sagartan bho air feadh an t-saoghail cuideachd an sàs.

Cardinal Giovanni Battista Re, a bhios os cionn seirbheis tòrraidh a' Phàpa
Às dèidh na seirbheis, thèid corp a' Phàpa a thoirt gu Basilica di Santa Maria Maggiore.
'S e Prainnseas a' chiad Phàpa ann an còrr is 100 bliadhna a bhios air a thiodhlacadh taobh a-muigh na Bhatacain.
Bha e fhèin air roghnachadh gun robh e 'son a bhith air a thiodhlacadh ann am Basilica di Santa Maria Maggiore is dàimh shònraichte aige leis an eaglais sin.

Prainnseas ag ùrnaigh ann am Basilica di Santa Maria Maggiore ann an 2023
Dh'iarr e seo san tiomnadh mu dheireadh aige is e ag ràdh: "Bu chòir dhan tuama a bhith sam talamh; sìmplidh, às aonais sgeadachaidh shònraichte, is ag ràdh a-mhàin: Franciscus".
Bha Prainnseas cuideachd bho chionn ghoirid air cead a thoirt do phlanaichean gus pròiseas an tòrraidh a dhèanamh nas sìmplidh.
Gu traidiseanta bhiodh am Pàpa ga thiodhlacadh ann an ciste le trì pàirtean, air an dèanamh à cuipreas, luaidh agus darach.
Bha Prainnseas air ciste nas sìmplidh a roghnachadh, air a dhèanamh le fiodha is e air a lìnigeadh le sionc.
Chuir e às cuideachd don chleachdadh gus corp a' Phàpa a thaisbeanadh gu poblach air àrd-urlar air a bheil catafalque ann am Basilica an Naoimh Peadar.
Seach sin, bha cothrom aig daoine urram a shealltainn dha sa chiste fhosgailte sa Bhasilica fhèin.

Basilica di Santa Maria Maggiore
Cò bhios an làthair?
A thuilleadh air na pearsaichean eaglaise, bidh ceannardan eadar-nàiseanta cuideachd an làthair aig an tòrradh an-diugh.
Nam measg bidh Prìomhaire na Rìoghachd Aonaichte Sir Keir Starmer, Ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte Dòmhnall Trump, Ceann-suidhe na h-Ucràin Volodymyr Zelensky, Ceann-suidhe na Frainge Emmanuel Macron, is Ceann-suidhe Argentina Javier Milei.
'S ann à Argentina bho thùs a bha Prainnseas.
Cha bhi an Rìgh Teàrlach ann is Prionnsa na Cuimrigh gu bhith ga riochdachadh.
Bidh Prìomh Mhinistear na h-Alba John Swinney cuideachd an làthair.
Tha dùil ri sluagh mòr cuideachd - timcheall air 250,000 duine.
Às dèidh dhan Phàpa a bhith air a thiodhlacadh, tòisichidh naoi là de chaoidh, air a bheil Novemdiales is aifreann 'son a' Phapa ann gach là.

An camerlengo, an Càirdineal Kevin Farrell.
'S e seumarlan no camerlengo a' Phàpa - an Càirdineal Kevin Farrell - a tha a' cur air dòigh nam pròiseasan a tha a' tighinn às dèidh bàs a' Phàpa.
'S e cuideachd a bhios os cionn a' chruinneachaidh no conclave a thaghas an ath Phàpa.
Gu traidiseanta bhiodh conclave a' tòiseachadh 15-20 là às dèidh caoidh a' Phàpa ach fo riaghailtean a thug am Pàpa Benedict a-steach ann an 2013, tha cead aig na càirdinealan am pròiseas a thòiseachadh nas tràithe na sin ma thogras iad.
Nuair a thòisicheas conclave tha an taghadh fhèin ga chumail ann an dìomhaireachd ann an Seipeal Sistine.
Bidh gach càirdineal a' bhòtadh airson an tagraiche a b' fheàrr leotha gus am faigh càirdineal 90 bhòt is Pàpa ùr mar sin air a thaghadh.
Thig ceò às an t-Seipeal dà thuras gach là is pàipearan-bhòtaidh nan càirdinealan air an losgadh.
Tha ceò dubh a' ciallachadh nach eil aonta ann. Ma thig ceò geal às an t-similear, tha Pàpa ùr air a thaghadh.

Cèo geal a' tighinn à Seipeal Sistine ann an 2013
Às dèidh dha ceò geal nochdadh, bidh am Pàpa ùr mar as trice a' nochdadh air balconaidh os cionn Ceàrnag an Naoimh Peadar taobh a-staigh uair a thìde.
Dearbhaidh an t-àrd-chàirdineal a bha os cionn an taghaidh an naidheachd leis na faclan "Habemus Papam" - "Tha Pàpa againn".

Am Pàpa Prainnseas a' nochdadh às dèidh a thaghaidh ann an 2013
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 22 uair
- Air fhoillseachadhBho chionn 21 uair
- Air fhoillseachadhBho chionn 21 uair
- Air fhoillseachadhBho chionn 3 làithean