Cainb luach £125,000 ga lorg san Eilean Sgitheanach

Cainb
  • Air fhoillseachadh

Dh'innis na poilis gun deach cainb luach suas ri £125,000 a lorg ann an togalach iomallach anns an Eilean Sgitheanach.

Rinn oifigearan sgrùdadh Diluain agus fhuair iad timcheall air 150 lus am broinn an togalaich.

Tha tuilleadh sgrùdaidh ga dhèanamh a-nis feuch grèim fhaighinn air ge bith cò leis a bha iad.

Thuirt an Detective Constable Steven Turnbull: "Bha tòrr chainb an seo, agus tha e na eisimpleir dhe na h-oidhirpean againn dèiligeadh ri drugaichean mì-laghail ann an Alba.

"Tha drugaichean nan adhbhar cràidh anns a h-uile coimhearsnachd - chan e bailtean mòra a-mhàin a bhios a' fulang."

Thuirt e cuideachd gu bheil pàirt chudromach aig a' mhòr-shluagh ri chluich anns an t-sabaid an aghaidh dhrugaichean agus dh'iarr e air duine sam bith le fiosrachadh brath a chur thuca.

Faodaidh daoine fios a chur gu Poileas Alba air 101 - 's e 0786 Diluain, 24mh dhen Ghearran, 2025, àireamh na cùise.

Tha cothrom ann fiosrachadh a thoirt seachad ann an dìomhaireachd cuideachd aig Crimestoppers air 0800 555 111.