Aon neach anns an ospadal às dèidh tubaist aig Inbhir Ìonaid

Mapa
  • Air fhoillseachadh

Chaidh aon neach a thoirt dhan ospadal às dèidh tubaist le aon charbad air an A87 aig Inbhir Ìonaid.

Chaidh na seirbheisean èiginneach a ghairm chun na làraich mu 11:15m Dimàirt, agus chaidh aon neach a thoirt gu Ospadal Oilthigh na Bànrigh Ealasaid ann an Glaschu le ambaileans-adhair.

Tha an rathad fhathast dùinte gach taobh agus tha comhairle ga thoirt do dhraibhearan slighe eile a chleachdadh agus barrachd tìde a thoirt dhaibh pèin.