Cìs-chomhairle CnES a' dol suas 7.5%

- Air fhoillseachadh
Thèid cìs-chomhairle nan Eilean Siar suas 7.5%.
Ghabh comhairlichean ris a' mholadh sin feasgar Dimàirt airson na bliadhna ionmhais 2025/26, seach 8% mar a bha anns an amharc bho thùs.
Cha deach le moladh an t-àrdachadh a chumail aig 3%, le 26 comhairlichean a' bhòtadh an aghaidh sin, is dìreach dithis air a shon.

Tha aig an ùghdarras ionadail ri £4m de shàbhalaidhean a dhèanamh.
Thuirt aithisg a nochd air beulaibh Chomataidh Poileasaidh agus Stòrais na Comhairle gum faodadh àrdachadh de 8% anns a' chìs-chomhairle suas ri £1.2m a chur ris a' bhuidseat aca.
A' bruidhinn ri BBC Naidheachdan san Fhaoilleach, thuirt àrd-oifigear CnES, Malcolm Burr, nach urrainn dhaibh tuilleadh ghearraidhean a dhèanamh gach bliadhna agus na seirbheisean riatanach aca a chumail a' dol.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 20 uair