Sgiobair na chadal a dh'fhàg tràlair air na creagan

An SustainTùs an deilbh, Graeme Maclennan, Marine Traffic
  • Air fhoillseachadh

B' e gun do thuit an sgiobair na chadal aig a' chuibhle a chuir bàt-iasgaich air na creagan faisg air beul Loch Bhraoin, a rèir rannsachaidh.

Dh'fhoillsich Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara (MAIB) an aithisg aca air mar a chailleadh an Sustain, tràlair a bha a' dèanamh air raon iasgaich an iar air na h-Eileanan Samhraidh.

Bha an sgiobair air a bhith ag obair gu 02:00m, ach cho-dhùin e seòladh tràth an ath là a dh'aindeoin riaghailtean mu uairean-obrach 's cadail.

Ghrunnaich i air creagan aig Rubha Camas a' Mhaoraich mu 7:45f air an 16mh là den t-Samhain 2023.

Dh'fhaillich air oidhirpean gus a cur air bhog às ùr, agus chaidh cobhair a dhèanamh air a criutha le bàta-teasairginn.

Bha a slige air a droch mhilleadh, agus chaidh an soitheach a thoirt às a chèile 's a thoirt air falbh an dèidh làimh.

Anns an aithisg aca, fhuair an MAIB gun do thuit an sgiobair na chadal aig a' chuibhle, 's e claoidhte an dèidh dha obair-chàraidh a dhèanamh air pumpa glanaidh an deic ann an uairean beaga na maidne.

Bha alarm sàbhailteachd cuideachd a dhìth air a' bhàta a bh' air rabhadh a thoirt gun robhas faisg air creagan.

Cha do rinn an aithisg molaidhean sam bith.