Tubaistean air dà rathad air a' Ghàidhealtachd a dhùnadh

- Air fhoillseachadh
Thuirt Poileas Alba gu bheil an A82 am Baile a' Chaolais agus an A832 faisg air Achadh nan Allt dùinte an dèidh tubaistean.
Chaidh an gairm gu tubaist eadar bus agus càr air an A82 aig Taigh a' Phuirt am Baile a' Chaolais mu 11:15m madainn an-diugh.
Dh'iarr iad air dràibhearan an sgìre sin a sheachnadh.
Dh'fhaodadh iad slighe eile a ghabhail air rathad an A85 eadar Taigh an Droma agus Baile a' Chaolais.
Agus tha na seirbheisean èiginn a' dèiligeadh ri tubaist eadar dà bhana faisg air Achadh nan Allt air rathad an A832 eadar Achadh na Sìne agus Gairbh.
Fhuair iad fios mu dheidhinn mu 3:00f.
Bha rathad mòr eile air a' Ghàidhealtachd, an A87 faisg air Baile Mac Ara ann an Loch Aillse, dùinte cuideachd an-diugh an dèidh tubaiste san robh trì carbadan an sàs.
Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginn mu 12:45f.
Tha an rathad sin a-nis air fosgladh às ùr.