Geàrr-liosta Duais Leabhair na Gàidhealtachd air a h-ainmeachadh

- Air fhoillseachadh
Tha an leabhar Women of the Hebrides / Ban-eileanaich Innse Gall leis an Dr Joni Bhochanan am measg na tha air a' gheàrr-liosta airson Duais Leabhair na Gàidhealtachd 2024.
'S iad Birds Humans Machines Dolphins le Genevieve Carver, Gliff le Ali Nic a' Ghobhainn, is Night Train to Odesa le Jen Stout na leabhraichean eile air an liosta.
Chaidh an taghadh à liosta fhada air an robh dusan leabhar.
'S iad am bàrd Jen Hadfield, an sgrìobhaidear Cynan Jones, agus am Makar Pàdraig MacAoidh na britheamhan is Alex Ogilvie bho Chomann Gàidhealach Lunnainn sa chathair.
'S e Comann Gàidhealach Lunnainn a tha a' toirt seachad na duaise is Moniack Mhòr ga cur air dòigh.
Thuirt na britheamhan gu bheil Women of the Hebrides / Ban-eileanaich Innse Gall air "beàrn" a lìonadh ann an eachdraidh Innse Gall le sgeulachd nam ban innse is le beartas mòr de dh'fhiosrachadh is rannsachadh.
Tha iad ag ràdh gu bheil an nobhail Gliff le Ali Nic a' Ghobhainn à Inbhir Nis "nas fhìrinniche na tha da-rìribh" agus gu bheil Genevieve Carver a' dèiligeadh ann am Birds Humans Machines Dolphins le milleadh eag-eòlasach "gu cumhachdach is le tuigse".
Tha Night Train to Odesa stèidhichte air beachd mhuinntir na h-Ùcrain mun chogadh an sin is na britheamhan ag ràdh gur e "urram a bh' ann a bhith air ar toirt air sgrìob dha na daoine, na h-àitichean is mòmaidean seo".
Thèid an duais a thoirt seachad san Iuchar.