Gearan an Uibhist mu chion gnìomha bho ChalMac

An MV Lord of the IslesTùs an deilbh, Christopher Brindle
  • Air fhoillseachadh

Tha Buidheann Buaidhe Ghnothachais Uibhist a Deas ag ràdh nach tàinig freagairt bho ChalMac air suidheachadh nan aiseagan anns an eilean cola-deug às dèidh coinneimh èiginnich ged a gheall iad coimhead ris na tha bàtaichean a' gabhail de luchd-siubhail.

Gu dearbh, 's ann a tha an suidheachadh nas miosa a-nis a rèir na buidhne.

Thuirt a' bhuidheann gun do gheall CalMac aig coinneimh an Cnoc Soilleir air a' 15mh dhen Ghiblean gun sealladh iad ri tuilleadh luchd-siubhail a ghiùlain air seirbheisean eadar an t-Òban agus Loch Baghasdail ach nach cuala iad càil bhuapa bhon uair sin.

Tha iad a' gabhail ris gu bheil duilgheadasan an dèidh bhith ann leis an MV Hebrides agus an MV Finlaggan bhon choinneimh, ach sgrìobh iad gu CalMac ag iarraidh gnìomha le slighe an Òbain/Loch Baghasdail a-nis is iad ag ràdh nach bu chòir do dh'aon eilean a bhith a' fulang fad na h-ùine.

Chuir iad molaidhean air adhart airson seirbheisean a leudachadh cuideachd.

Tha dìth shoithichean mòra ann an cabhlach ChalMac air bualadh gu sònraichte air Uibhist a Deas.

Chan eil seirbheis air a bhith ann eadar Malaig agus Loch Baghasdail am-bliadhna agus cha ghabh am bàta dhan Òban a tha gam frithealadh an-dràsta ach 45 luchd-siubhail.

An dèidh na coinneimh ann am meadhan a' Ghiblein, chuir luchd-gnothachais Uibhist a Deas fàilte air gealltannas Riaghaltas na h-Alba gum bi maoineachadh ann sa bhuidseat an ath-bhliadhna airson bàta-aiseig ùr a chur a-mach gu tairgse.

Thuirt neach-labhairt do ChalMac gu bheil iad air a bhith a' coimhead ri roghainnean airson piseach a thoirt air seirbheisean do dh'Uibhist a Deas, ach gu bheil a' chùis a' toirt tìde leis gun toir atharrachaidhean buaidh air slighean eile.

Tha iad an dùil fios a chur a-mach mun t-suidheachadh nas fhaide air adhart an t-seachdain seo.