Aiseag a' Chorrain: "Tha còir againn air beatha a tha seasmhach"

Màiri Anna NicUalraig
  • Air fhoillseachadh

Chuir luchd-iomairt fàilte air an naidheachd gu bheilear a' coimhead ri airgead a shaoradh airson aiseag ùr a thogail do shlighe a' Chorrain, ach tha iad ag ràdh gu bheil cabhag ann.

Thèid aithisg air beulaibh Comhairle na Gàidhealtachd Diardaoin, taobh a-muigh a tha ag innse gu bheil còmhraidhean neo-fhoirmeil air a bhith aig oifigich an ùghdarrais le Riaghaltas na h-Alba mun chùis.

Thathas a' coimhead ri airgead bho Aonta Baile Inbhir Nis is na Gàidhealtachd, a bhathas an dùil a chosg air leasachaidhean-rathaid san Longman ann an Inbhir Nis, a chur gu feum gus aiseag ùr a thogail.

Tha an aithisg ag ràdh gu bheil cruaidh fheum air aiseag ùr is gun cosgadh an soitheach £23m.

Chaidh airgead fhaighinn roimhe bhon Aonta Baile gus na cidhichean aig Caolas a' Chorrain a leasachadh ach chan eil sgillinn ruadh air a gealltainn a thaobh bhàtaichean.

Dh'innis aithisg eile nas tràithe am-bliadhna gun robh a h-uile dad ann an àite a thaobh aiseag ùr a chur air dòigh "ach a-mhàin maoineachadh".

Tha aithisg na seachdain seo ag ràdh gur e gluasad cudromach a bhiodh ann an t-airgead seo a chleachdadh 'son Aiseag a' Chorrain agus gun sgaoileadh e "airgead calpa seachad air Inbhir Nis".

Tha Màiri Anna NicUalraig a' fuireach ann an Àird Ghobhar is i am measg na tha air a bhith ag iomairt bho chionn fhada mu Aiseag a' Chorrain.

Thuirt i gur e adhartas a th' ann gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd a' coimhead ris a' chùis agus ri Aonta Baile Inbhir Nis is na Gàidhealtachd a chur gu feum.

"Bha làn àm dhaibh coimhead ris an aonta sin anns an dòigh 's gun robh còir dha a bhith, o chionn a' mhòr mhor-chuid den bhuannachd, 's ann dhan bhaile mhòr a chaidh e, agus bha còir buannachd a bhith a' tighinn dha na sgìrean iomallach.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Thathas a' coimhead ri airgead a shaoradh airson aiseag ùr do shlighe a' Chorrain

"Ma tha daoine air tòiseachadh mu dheireadh thall a' faithneachadh gum feum sin a dhèanamh, bu chòir dhuinn fàilte a chur air gu ìre - ach tha sinn fhathast gann de dh'fhiosrachadh".

"Ann an dòigh tha e a' cur iongnaidh orm gum feum sinn a bhith taingeil is toilichte gu bheil iad a' dèanamh an rud bha còir aca a dhèanadh sa chiad dol a-mach.

"Tha cabhag oirnn is dèanadh iad fhèin cabhag airson gnothaichean a chur gu dol", thuirt i.

Mhìnich Màiri Anna uair eile an call a tha air tighinn air an sgìre ri linn nan duilgheadasan mòra leis an aiseag anns n a bliadhnaichean mu dheireadh.

Tha an troimh-chèile air bualadh air companaidhean ionadail gu sònraichte is cuid air a dhol fodha.

Bidh ceist ann a-nise am bi comhairlichean uile deònach an t-airgead a ghluasad bho phròiseact an Longman gu aiseag ùr aig a' Chorran.

A rèir Mhàiri Anna, tha freagairt na ceiste sin sìmplidh.

"Tha còir againn air beatha a tha seasmhach a cheart cho math ri muinntir a' chathair-bhaile agus tha dleasdanas air a' Chomhairle san fharsaingeachd sin a bhuileachadh is a fhreastal dhuinn.

"'S e sin a tha sinn ag iarraidh".

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gum biodh iad glè thoilichte coimhead ri amasan Aonta Baile Inbhir Nis is na Gàidhealtachd atharrachadh, ach nach d' fhuair iad iarrtas foirmeil fhathast bho Chomhairle na Gàidhealtachd.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Màiri Anna NicUalraig a' bruidhinn air Aithris na Maidne.