A85 air fosgladh a-rithist an dèidh bàs fireannaich

An t-Òban
  • Air fhoillseachadh

Tha an A85 tuath air an Òban air fosgladh a-rithist an dèidh dha a bhith dùinte a' mhòr-chuid den là Diardaoin an dèidh tubaiste mairbhtich.

Chaidh corp duine fhaighinn ri oir an rathaid mu dhà mhìle bho far an deach bualadh ann le làraidh 's e a' coiseachd air Sràid Dheòrsa sa bhaile.

Thuirt na Poilis gun do dhearbh iad gun deach a bhualadh leis an làraidh ann an uairean beaga na maidne.

Chaidh an gairm mu 01:55m gu sgìre Pheighinn a' Phùir an dèidh mar a chaidh corp a lorg.

Thuirt iad gu bheil iad air bruidhinn ri dràibhear na làraidh 's gu bheil an rannsachadh a' leantainn.

Bha earrann den A85 dùinte mu 18 uairean de thìde fhad 's a rinn oifigearan sgrùdadh.

Dh'fhosgail e a-rithist mu 8:00f Diardaoin.

Tha na Poilis ag iarraidh air daoine le fiosrachadh fios a chur orra air àireamh fòn 101 le àireamh na cùise, 0255 27mh den Ògmhios, 2024.