Oidhirp uaigh Mairead NicDhonnchaidh ùrachadh

An uaigh aig Mairead NicDhonnchaidhTùs an deilbh, Còisir Ghàidhlig Lunnainn
  • Air fhoillseachadh

Tha oidhirp a' dol uaigh an t-seinneadair chliùitich Ghàidhlig Mairead NicDhonnchaidh a chàradh agus ùrachadh.

Tha Mairead air a tiodhlaigeadh ann an Cladh Twickenham ann an Lunnainn.

'S iad Còisir Ghàidhlig Lunnainn a tha air cùl na h-iomairt.

Thadhal buill dhen chòisir air an làraich an-uiridh agus mhothaich iad gun robh a' chlach-uaigh aice a' claonadh dhan dàrna taobh agus gun robh i a' cur feum air glanadh agus bha cuid de na litrichean duilich a leughadh.

Roghnaich iad an uairsin iomairt a chur air dòigh airgead a chruinneachadh airson na h-obrach.

Tùs an deilbh, Bruce Kennedy

Rugadh Mairead ann an Ìle ann an 1888 agus bhuannaich i bonn òir a' Chomuinn Ghàidhealaich ann an 1909.

Ghluais i a Lunnainn far an robh i na ball de Chòisir Ghàidhlig Lunnainn fad iomadh bliadhna.

Chaidh dreuchd an stiùiriche a thabhann dhi ach dhiult i a gabhail leis gum biodh i air falbh cho tric.

Ach bha i air comataidh ciùil na còisir agus 's i a stiùir còisir nam ban nuair a chaidh Còisir Ghàidhlig Lunnainn chun a' Mhòid Nàiseanta airson a' chiad turas nuair a bha e ann an Grianaig ann an 1925.

Chaochail Mairead ann an 1948 agus chuir Comunn Ìleach Ghlaschu stòras cuimhneachaidh air dòigh airson an obair a rinn i a thaobh ceòl Gàidhlig a chomharrachadh.

'S ann às a sin a thàinig Cuach Cuimhneachan Mairead NicDhonnchaidh - tè de dhuaisean mòra nan còisirean sgìreil aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail.

Tùs an deilbh, An Comunn Gàidhealach
Fo-thiotal an deilbh,

'S iad Còisir Ghàidhlig an Eilein Duibh a bhuannaich Cuach Cuimhneachan Mairead NicDhonnchaidh aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann am Pàislig an-uiridh

Thuirt Ceann-suidhe Còisir Ghàidhlig Lunnainn, Fearghas Reoch: "Dà bhliadhna air ais chunnaic sinn an obair a rinn Mairi Anna NicUalraig agus an sgioba airson uaigh Seasaidh NicLachlainn agus shaoil sinn gur e obair mhath agus obair chudromach a bh' ann.

"Mar sin aig a' choinneimh bhliadhnail againn san Fhaoilleach rinn sinn co-dhùnadh gum biodh e freagarrach a' chlach-chinn ath-stèidheachadh mar urram dha na daoine cudromach a bha nam buill ann an Còisir Lunnainn agus dhan choimhearsnachd Ghàidhealach ann an Lunnainn."

Tùs an deilbh, Còisir Ghàidhlig Lunnainn
Fo-thiotal an deilbh,

Mike Procter agus Fearghas Reoch bho Chòisir Ghàidhlig Lunnainn aig an uaigh ann an Twickenham

Tha a' chòisir a' dèanamh dheth gun cosg an obair mu £2,000.

Thig cnap math dhen airgead sin ann an tabhartas bhon chòisir agus tha a' chòisir cuideachd ag amas airgead a thogail tro thachartasan agus cuirmean.

Chuireadh iad fàilte cuideachd air tabhartasan bho chòisirean eile agus bho dhuine no buidheann sam bith a mhiannaicheadh sin a dhèanamh.

Tha a' chòisir an dòchas gum bi an obair deiseil ron Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Loch Abar an ath-bhliadhna - a' comharrachadh 100 bliadhna bho bha Mairead a' stiùireadh còisir nam ban ann an Grianaig.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Fearghas Reoch a' bruidhinn mun iomairt