Iarrtas ìomhaigh shnaidhte Inbhir Ghòrdain a chumail an Alba

Ìomhaigh Sir Iain GhòrdainTùs an deilbh, HIGHLIFE NA GÀIDHEALTACHD
  • Air fhoillseachadh

Tha eachdraiche ealain air iarraidh nach tèid ìomhaigh shnaidhte on 18mh Linn le neach-ealain ainmeil Frangach a chur a-mach à Alba.

Thug Comhairle na Gàidhealtachd cead Diardaoin an ìomhaigh de Shir Iain Gòrdan a rinn Edme Bouchardon a reic airson timcheall air £2.5m.

Cheannaich Comhairle Baile Inbhir Ghòrdain e anns na 1930an air £5.

Tha an ìomhaigh air a bhith ga cumail ann an stòras, 's chan eileas air a bhith ga taisbeanadh.

Thèid an t-airgead gu Maoin Maith Choitchinn Inbhir Ghòrdain.

Ach tha an Dr Caroline MacCaffrey Howarth, a tha na h-òraidiche ann an Eachdraidh Ealain Bhreatannach aig Oilthigh Dhùn Èideann, ag ràdh gu bheil e cudromach nach tèid an ìomhaigh a-null thairis.

"Tha Bouchardon do-chreidsinneach ainmeil," thuirt i.

"'S e seo an aon "bhust" a rinn e de dh'Albannach.

"Bu mhòr an truaighe nam faicte e a' fàgail Alba.

"Ach saoilidh mi gur e as cudromaiche buileach gun tèid a taisbeanadh gu poblach.

"'S e an dragh a th' orm an-dràsta gu bheil e air a bhith ann na stòras, 's nach deach aca air a taisbeanadh - ged a tha fhios againn gun deach a taisbeanadh roimhe aig a' Ghetty agus aig an Louvre - dà thaigh-tasgaidh mòr eadar-nàiseanta.

"Saoilidh mi gum biodh e gu math feumail feuchainn ri cuideigin a lorg ann am Breatainn a cheannaicheadh e, ach b' e a b' fheàrr buileach cuideigin a chumadh an Alba e 's a thaisbeanadh e gu poblach."