50 bliadhna o chlàrar "The Cheviot" san Dòrnaidh

Dolina NicIllinnein
  • Air fhoillseachadh

Tha 50 bliadhna o chaidh an dealbh-chluich ainmeil The Cheviot, the Stag and the Black Black Oil mun cuairt sgìre na Gàidhealtachd.

Disathairne thèid am fiolm dheth a thaisbeanadh a-rithist ann an Talla an Dòrnaidh.

Bidh an cleasaiche Dolina NicIllinnein a' bruidhinn air na cuimhneachain aicese mun àm agus a' bhuaidh a thug an dealbh-chluich air Alba.

"Bhiodh sinn a’ draibheadh fad an là agus nuair a bha an dealbh-chluich deiseil a h-uile oidhche bha sinn an uairsin a’ dèanamh dannsa. Bha na cleasaichean a bha còmhla rium an uairsin - ‘s e Force Ten Gaels a bh’ oirnn - bhiodh sinn a’ clearadh nan sèithrichean agus a’ dannsa fad uair a thìde, agus bhithinnsa a’ seinn a dhà no thrì òrain aig meadhan-oidhche airson break a thoirt dha na còmhlain," thuirt i.

Fo-thiotal an deilbh,

Dolina NicIllinnein san dealbh-chluich

Se an sgrìobhaiche-dràma ainmeil John McGrath a sgrìobh an dealbh-chluich. Na mheadhan, bha ceilidh mhòr Ghàidhealach ann.

"Nuair a thòisich sinn ga dhèanamh, sgrìobh sinn e còmhla. Chuir a h-uile duine againn pìosan a-steach agus chuir John McGrath ri chèile e agus rinn sinn rannsachadh mòr air a h-uile pàirt dheth. Chòrd sin rium dha-rìribh aig an àm. Bha e gu math annasach aig an àm a bhith ag obair leis na cleasaichean fhèin, ag obair agus a’ dèanamh rannsachaidh airson an deabh-chluich," thuirt Dolina.

Fo-thiotal an deilbh,

Sanas bhon àm airson The Cheviot, the Stag and the Black Black Oil.

Buaidh air òigridh

Bha an dealbh-chluich The Cheviot The Stag and the Black Black Oil a' dèiligeadh ri cuspairean poilitigeach: cò leis a tha fearann agus cò aig a tha cumhachd.

Dh’innis an dealbh-chluich sgeulachd mu eachdraidh nan Gàidheal - mar a chaidh cuid de na Gàidheil agus daoine bochda fhuadach bhon fhearann aca airson àite a dhèanamh do chaoraich agus do dh'fhèidh.

"Tha mi a’ smaoineachadh nan deadh sinn timcheall Alba leis a-nis, gun dèanadh e diofar uabhasach mòr ri na tha a' tachairt. Tha an saoghal air a dhol nas miosa na bha e agus chan eil tuigse aig daoine, chan eil iad ga theagasg ceart. Chan iad a-mhàin na fuadaichean, ach na tha a' tachairt mu dheidhinn talamh. Ceudan de dh’ acairean aig aon duine, no dhà no trì agus chan fhaigh thu làrach taighe airson taigh ùr a thogail, chan eil sin ceart. Agus tha iad fhathast a’ sabaid mu dheidhinn ola," thuirt Dolina.

Thug an dealbh-chluich buaidh mhòr air Gàidheil òga aig an àm, agus bithear ga thaisbeanadh aon uair eile ann an Talla an Dòrnaidh oidhche Shathairne.

Bidh Dolina Nicillinnein an làthair agus bidh i bruidhinn mun àm sin anns an Dòrnaidh, mun dealbh-chluich agus a' bhuaidh a bh' aig an obair air Alba anns an fharsaingeachd.

"Tha e gu bhith gu math iongantach a’ dol air ais dhan Dòrnaidh ga fhaicinn air àrd-ùrlar, taca ris a bhith ga dhèanamh air an àrd-ùrlar nuair a chaidh am fiolm a dhèanamh. Tha deagh chuimhne agam air cho coibhneil sa bha na daoine anns an Dòrnaidh, chuir iad suas mi ‘son an ùine a bha sinn ga thogail."