Stad rè ùine air rothairean dealain Inbhir Nis an dèidh millidh £50,000
- Air fhoillseachadh
Chaidh stad rè ùine air sgeama rothairean dealain ann an Inbhir Nis an dèidh sreath chùisean far an deach milleadh a dhèanamh a dh'fhàg nach robh ach sia de an 56 rothair sa bhaile a ghabhadh cleachdadh.
Chaidh milleadh a dhèanamh air baidhseagalan aig sgeama Hi-Bike sa Ghearasdan cuideachd.
Thathar a' tomhas gun do rinn eucoirean milleadh de mu £50,000 air an sgeama, a thòisich bho chionn trì bliadhna, sna beagan mhìosan a chaidh seachad.
Sna beagan làithean a dh'fhalbh chaidh ochd de bhaidhseagalan Hi-Bike, gach fear luach £4,000, a ghoid agus chaidh milleadh a dhèanamh air mu 20.
Lorgadh rothairean agus iad air am briseadh agus chaidh feadhainn eile a lorg ann an aibhnichean agus sa Chanàl Chailleanach.
Ann an Inbhir Nis, chaidh baidhseagalan a bhriseadh an dèidh mar a dh'fheuch daoine ri an spiodadh a-mach às na stèiseanan teàirrdsidh aca.
Thuirt Poilis Còmhdhail Bhreatainn gun robh iad a' rannsachadh a' mhillidh a rinneadh air baidhseagalan aig Stèisean Rèile Inbhir Nis.
Chaidh Hi-Bike a stèidheachadh ann an 2021 le buidheann chòmhdhail phoblach na sgìre Hitrans agus tha 112 baidhseagal aca.
Faodaidh daoine an toirt a-mach airson eadar leth-uair agus trì uairean de thìde, agus tha ballrachd mhìosail neo bhliadhnail cuideachd ri fhaotainn.
Thuirt Hitrans gun robh an sgeama air còrdadh glan ris an dà chuid muinntir an àite agus ri luchd-tadhail.
Chlàr iad faisg air 40,000 cuairt baidhseagail on thòisich an sgeama, agus tha planaichean aca a leuduchadh gu làraichean eile, Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis nam measg.
Thuirt Hitrans gun tàinig àrdachadh mòr air cùisean millidh bho shaor-làithean sgoile na Càisge.
Thuirt iad cuideachd gun robh aithrisean ann de dhaoine òga nan suidhe ann am basgaid toisich rothair fhad 's a bha cuideigin a' falbh leis tro mheadhan baile Inbhir Nis, uaireannan a' dol a dh'ionnsaigh na trafaig.
Tha Ranald Robastan, fear de stiùirichean Hitrans, ag ràdh gur e briseadh-duil gun robh beag-chuid ann a' dèanamh mì-fheum air an t-siostam.
"Thèid a' bhallrachd a thoirt air falbh bhon fheadhainn a dh'fhalbhas air baidhseagal le cuideigin na shuidhe sa bhasgaid ma gheibh sinn aithris gun do thachair sin, agus cuiridh sinn fios air Poileas Alba agus Poileas Còmhdhail Bhreatainn mu chùisean creachaidh."
Thuirt neach-labhairt Poileas Còmhdhail Bhreatainn: "Tha oifigearan a' rannsachadh aithrisean co-cheangailte ri milleadh a rinneadh air rothairean aig Stèisean Rèile Inbhir Nis.
"Tha an sgrùdadh a' leantainn agus faodaidh daoine le fiosrachadh a thighinn a bhruidhinn ri Poileas Còmhdhail Bhreatainn."