An t-ionnsachadh òg, an t-ionnsachadh òr

Timmy
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Timmy san dàrna bliadhna aig Acadamaidh Dhòrnaich.

  • Air fhoillseachadh

An t-ionnsachadh òg, an t-ionnsachadh bòidheach.

Agus tha fìrinn an t-seanfhacail ri fhaicinn gu soilleir aig leabharlann Acadamaidh Dhòrnaich.

“Is toil leam leabhraichean mu bhall-choise, ‘s e sin an spòrs as fheàrr leam,” thuirt Timmy, is e a' leughadh leabhair a sgrìobh an cluicheadair ainmeil Marcus Rashford.

'S ann san dàrna bliadhna a tha Timmy.

Tha esan am measg na tha air pàirt a ghabhail ann an sreath de thachartasan a chaidh a chur air dòigh aig an sgoil mar phàirt den sgeama Reading Schools.

“Tha mi a' smaointinn gu bheil mi a' leughadh barrachd. Tha e uabhasach math airson a bhith gad chumail a' leughadh,” thuirt e.

'S e sgeama air a lìbhrigeadh le Urras Leabhraichean na h-Alba a th' ann an Reading School.

Tron sgeama seo thathas ag amas air leughadh airson tlachd a bhrosnachadh gus nach bi e ceangailte ann an inntinn sgoilearan ri aon chuspair no obair sgoile a-mhàin.

Agus a-reir Cara, a tha san treasamh bliadhna, b' fhiach an oidhirp.

Fo-thiotal an deilbh,

“Is toil leam ficsean a leughadh, mar the Hunger Games."

“Feumaidh tu leughadh tòrr mar phàirt den sgeama seo agus tha tòrr dhaoine a' dèanamh sin san sgoil seo.

“Tha daoine nach bi a' leughadh tòrr a' leughadh barrachd a-nis.”

Tha leabhraichean de dh’iomadh seòrsa agus air iomadh cuspair rin lorg air na sgeilpichean san t-seòmar bheag seo.

Nobhailean, eachdraidhean-beatha chluicheadairean ball-coise, bàrdachd agus dealbhan-chluiche cuideachd.

Agus tha aon sgeilb loma-lan leabhraichean manga, stòidhle nobhailean-grafaigeach bho Iapan.

‘S iad na leabhraichean sin a tha am measg nan leabhraichean a bhios gan toirt a-mach as trice, a-rèir an leabhair-lannaiche Fiona NicLeòid.

Bidh an t-Urras a' buileachadh inbhean sònraichte air sgoiltean a bhios a' gabhail pàirt ann, ag aithneachadh oidhirpean sònraichte a thathar a' dèanamh gus leabhraichean a dhèanamh nas taitniche.

Chan eil àrd-sgoil eile air a' Ghàidhealtachd aig inbhe airgid fhaighinn tron sgeama seo.

Agus tha muinntir na sgoile dìreach air deagh naidheachd fhaighinn.

Fo-thiotal an deilbh,

Fhuair Leabhair-lannaiche na sgoile, Fiona NicLeòid, fios gu bheil iad a-nis air inbhe òir fhaighinn cuideachd.

“Tha mi dìreach air post-d fhaighinn o chionn uair a thìde, ag innse gu bheil sinn a-nis air inbhe òir fhaighinn,” thuirt Fiona le gàire.

“Bha ùidh mhòr againn ann a bhith dol an sàs san sgeama seo.

“Tha tòrr obair rannsachaidh a’ sealltainn nam buannachdan a tha leughadh airson tlachd a thoirt do dhaoine òga, an dà chuid a thaobh foghlaim agus slàinte-inntinn.

“Thòisich sinn dìreach beagan is bliadhna air ais.

“Bha againn ri cruinneachadh fianais mu dhèidhinn na bhios sinn a’ dèanamh gus leughadh a bhrosnachadh tron sgoil air fad.

"'S iad na tachartasan as soirbheachail an fheadhainn a tha a' tighinn bhon bheachdan agus molaidhean na cloinne.

“Tha cuid den chloinn airson bhideothan a chruthachadh airson nam meadhanan-sòisealta, gu h-àraid TikTok, is iad a’ dèanamh lèirmheasan air leabhraichean, oir bidh tòrr dhiubh a’ faighinn mholaidhean leughaidh bho bhith a' coimhead lèirmheasan air TikTok,” thuirt Fiona.

Ged a bhios teicneòlas agus fasanan ag atharrachadh tha an ginealach òg aig an sgoil seo ag ionnsachadh nach eil dad nas fheàrr na deagh leabhar.