Hùg air clò NicIlleMhìcheil

Còmhlan Luaidh Bhàideanach
  • Air fhoillseachadh

Gàidhlig, cultar agus fealla-dhà do bhoireannaich - sin an fheallsanachd a th' aig Còmhlan Luaidh Bhàideanach 's iad a' comharrachadh 30 bliadhna còmhla.

Airson an ceann-bliadhna sin a chomharrachadh, chuir iad tachartas air dòigh 'son an sgilean a thaisbeanadh aig Taigh-Tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd ann am Baile Ùr an t-Slèibh.

"Bha sinn a' coimhead airson rudan a bhiodh freagarrach a dhèanamh fhad 's a bha sinn a' togail an àite seo," thuirt Màiri NicIlleMhìcheil a stèidhich a' bhuidheann, 's a bha ag obair aig an taigh-tasgaidh aig an àm.

"Bha fhios agam gun robh daoine anns a' choimhearsnachd aig an robh Gàidhlig, agus chuir mi buidheann bheag air dòigh agus thòisich sinn air na h-òrain ionnsachadh."

Fo-thiotal a’ bhidio,

Chòrd taisbeanadh nam ban gu mòr ri Seumas MacIllÈidich, a bha a' tadhal air an taigh-tasgaidh

Tha an dà chuid clann-nighean agus boireannaich nas sine sa bhuidhinn - tè dhiubh 95 bliadhna de dh'aois.

Thairis air na bliadhnaichean tha a' bhuidheann air a bhith a' teagaisg mu luadh agus mar a rinnear clò sna seann làithean nuair a bha luadh - a' bualadh a' chò ann am "maistir" (mùin ghoirt) riatanach airson an clò a dhèanamh seasamhach agus dìonach.

Ged is ann uair ainneamh a thèid sgiobannan luaidh cho fada sin san là a th' ann - agus bidh aig amannan - 's ann air na h-òrain as motha a tha an aire an-diugh, 's an clò (tioram) aca mar nàdar de phrop.

Còmhlan Luaidh Bhàideanach

Bidh an còmhlan a' gabhail pàirt sa Mhòd Nàiseanta, 's iad air sin a thòiseachadh ann an 2007.

Bidh iad ann a-rithist am-bliadhna.

"Chan eil e idir mu dheidinn a bhith a' buannachadh, ach dìreach a' cumail na farpais beò agus a' cumail nan òran a-muigh an siud", thuirt Shiela NicAoidh, a th' air a bhith an ceann na h-òrain a theagasg dhan bhuidhinn bho thòisich iad.

"Agus cuideachd a' cumail an dualchais agus a' chultair, a chionn anns na h-Eileanan agus air Ghàidhealtachd, nam bheachd-sa, cha robh fireannaich riamh a' gabhail pàirt ann an òrain luaidh - no a bhith aig bòrd luaidh.

"'S e obair bhoireannach a bh' ann, agus sin a tha sinn a' feuchainn ri chumail a' dol."