Buaidh nan iolairean-mara air stoc: 'cuiribh fios thugainn' - Nàdar Alba

- Air fhoillseachadh
Chuir Nàdar Alba an cuimhne thuathanach agus chroitearan gu bheil sgeama-taice ann mu choinneimh call a tha iolairean-mara a' dèanamh orra.
Tha deich bliadhna ann bho thòisich an sgeama-taice agus tha aithrisean ann am-bliadhna a-rithist air iolairean-mara a falbh le uain òga gu h-àraid air taobh siar na Gàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.
Chaidh iolairean-mara a thilleadh a dh'Alba à Nirribhidh anns na 1970an, 's iad air a dhol à bith san dùthaich seo ann an 1918 nuair a chaidh an tè mu dheireadh aca a mharbhadh le geamair.
'S e an t-eun creachaidh as motha a tha a-niste san dùthaich, le còrr is dà mheatar (6'6") de leathad sna sgiathan aca.
"Tha e air a bhith caran dona thuige seo am-bliadhna," thuirt Catherine Anne NicDhòmhnaill, a tha na croitear ann an Loch Abar.
"Chaill sinn leth dhusan uan dhan iolaire.
"A' mhòr-chuid de mhadainnean nuair a thèid sinn a-mach tha i no e air a bhith a-staigh.
"Bheir iad air falbh na h-uain, togaidh iad iad 's leagaidh iad iad - agus sin agad e. Tha iad marbh.
"Ma chì e thu a' tighinn togaidh iad orra gu oisean eile, agus tillidh iad. Tha fhios aca dè tha iad a' dèanamh.
"B' e fìor dhroch bhliadhna a bh' ann an-uiridh. Chaill mi mun treas cuid de na h-uain a bh' agam dhan iolaire."

Chaill Catherine Anne NicDhòmhnaill mun treas cuid de na h-uain aice dhan iolaire-mhara an-uiridh
Tha gu leòr an Alba a tha a' cur taic ri na h-iolairean a bhith air an tilleadh, agus ag iarraidh barrachd bheathaichean a bha an seo uaireigin fhaicinn san dùthaich a-rithist tro "ath-fhiadhachadh".
"A thaobh iolairean-mara, thàinig iad bho Lochlann mu 50 bliadhna air ais a-niste - ach feumaidh sinn cuimhneachadh gur e dùthaich agus àrainneachd gu tur eadar-dhealaichte a th' ann an Lochlann seach na th' againn ann an Alba," thuirt Ryan Dziadowiec, a tha a' cur taic ri ath-fhiadhachadh.
"'S e dùthaich a tha làn chraobhan. Tha sinn ag amas air barrachd chraobhan is choilltean a bhith againn an seo ann an Alba, ach feumaidh sinn cuimhneachadh gu bheil an àrainneachd mar a tha i an-dràsta, tha e eadar-dhealaichte.
"Tha sin a' ciallachadh gu bheil àiteachan far am b' urrainn falach a bhith aig na beathaichean a dhìth.
"Tha sin ag adhbharachadh gum bi 's dòcha call nan uan nas motha na th' aca ann an Nirribhidh 's àiteachan mar sin.
"Cuideachd ann an Nirribhidh, leis gu bheil beathaichean eile leithid nam madaidhean-allaidh aca, tha tòrr thuathanach le coin àraid a bhios a' cumail sùil air na beathaichean.
"Agus tha mi a' smaointinn cuideachd fiù 's na buachaillean fhèin, bidh iad a' falbh a-mach nas trice na tha sinne 's dòcha ann an seo."

Tha Ryan Dziadowiec taiceil do dh'ath-fhiadhachadh, ach tha e a' tuigsinn gu bheil buaidh air tuathanaich is croitearan
Tha Nàdar Alba ag ràdh gu bheil iad ag aithneachadh gu bheil trioblaid ann, ach gu bheil taic ri fhaotainn dhaibhsan air a bheil na h-iolairean-mara a' toirt buaidh.
"Tha sinn ag aithneachadh gun urrainn do dh'iolairean-mara bualadh eaconomach adhbharachadh ann an cuid de dh'àiteachan," thuirt Robyn Ireland bhon bhuidhinn.
"Tha Sgeama Stiùiridh nan Iolairean-Mara ann, agus tron sin tha Nàdar Alba a' cumail taic ri tuathanaich is ri croitearan - gu h-àraid an fheadhainn air a bheil seo a' toirt buaidh as motha.
"Tha an sgeama a' toirt seachad taic shònraichte do thuathanaich agus mar phàirt den sin thig cuideigin a-mach a rannsachadh na tha a' dol.
"Tha comhairle ann cuideachd a thaobh cheumannan a bhiodh a' cuideachadh. Cothrom iasad fhaighinn air uidheamachd nam biodh sin freagarrach, agus molaidhean air taic san ùine fhada cuideachd.
"Tha sinne airson 's gun cuir duine sam bith aig a bheil duilgheadasan fios thugainnn agus coimheadaidh sinn air an taic a th' ann dhaibh."
- Air fhoillseachadh22 An Dùbhlachd 2023
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh15 An t-Samhain 2017