Tiriodh: "Tha sinn fhathast a' call fada a bharrachd na tha sinn a' faotainn"

Cairstìona Coghill
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Cairstìona Coghill ag ràdh nach eilear a' cluinntinn Gàidhlig cho tric an Tiriodh a-nise is gu bheil cleachdadh a' chànain san dachaigh a' crìonadh.

  • Air fhoillseachadh

Tha ceistean gu leòr air muinntir Thiriodh mu shuidheachadh na Gàidhlig san eilean is iad a' cnuasachadh air a' chunntas-sluaigh.

Sheall na figearan a chaidh fhoillseachadh an t-seachdain seo gun do thuit an àireamh de dhaoine san eilean a tha a' bruidhinn na Gàidhlig bho 240 ann an 2011 gu 230 ann an 2022.

Aig an dearbh àm, dh'èirich àireamh-sluaigh an eilein bho 626 gu 673.

Tha seo a' ciallachadh gu bheil a' Ghàidhlig aig 34% de Thiristich seach 38% mar a bha.

Mar a tha fios, sheall an cunntas-sluaigh fàs ann an luchd-labhairt na Gàidhlig gu nàiseanta 'son a' chiad turas bho 1971, suas 12,000 gu 69,701, a dh'aindeoin is gu bheil crìonadh air leantainn anns na sgìrean mu dheireadh far a bheil a' Ghàidhlig air a bhith mar chànan na coimhearsnachd.

Ann an Tìr an Eòrna, tha iad gu math mothachail air an eadar-dhealachadh.

"Tha sinn cho toilichte gu bheil daoine airson Gàidhlig ionnsachadh agus airson taic a chur ris a' Ghàidhlig", dh'innis Cairstìona Coghill, a tha a' togail a teaghlaich le Gàidhlig an Tiriodh.

Fo-thiotal a’ bhidio,

An cunntas-sluaigh an Tiriodh.

"Chan eil co-ionnanachd ann le cuideigin a bha a' bruidhinn Gàidhlig a h-uile là agus a bha fileanta.

"Ann an coimhearsnachdan mar seo, tha sinn fhathast a' call fada a bharrachd na tha sinn a' faotainn is ma tha thu a' fuireach an seo bidh thu a' faicinn sin, nach eil thu a' cluinntinn Gàidhlig cho tric - nach eil thu dìreach a' cluinntinn daoine dìreach a' bruidhinn Gàidhlig sa bhùth.

"Dhomhsa 's e cnag na cùise nach eil daoine a' cleachdadh Gàidhlig anns an taigh mar a bha iad," thuirt i.

Tha Cairstìona fhèin na h-ionmhaisear aig Urras Thiriodh. Dh'innis i mar a chaidh maill air an obair leasachaidh acasan a thaobh na Gàidhlig is dìth maoineachaidh air fàgail gun robh aca ris an obair a thoirt gu ceann.

Fo-thiotal an deilbh,

Tha Rhoda Meek ag iarraidh gun tig fiosrachaidh nas mionaidiche bho na cunntasan-sluaigh mu chomasan labhairt sa Ghàidhlig.

Cuideachd ann an Tiriodh tha Rhoda Meek.

Dh'innis Rhoda gu bheil ise den bheachd gu bheil uireasbhaidhean ann am figearan a' chunntais-shluaigh leis nach eil fiosrachadh idir ann mu chomasan dhaoine Gàidhlig a bhruidhinn ach a-mhàin a bheil i aca.

Thog i mar a tha na ceistean sin ann a thaobh chomasan na Beurla - is gu bheil cruaidh-fheum orra a thaobh na Gàidhlig cuideachd.

"Ma tha sinn airson freagairtean a lorg is ma tha sinn airson stad a chur air a' chrìonadh a tha a' tachairt, feumaidh fiosrachadh mar sin a bhith againn," thuirt i.

Tha i a' leughadh barrachd às an fhiosrachadh mhionaideach a tha ri fhaighinn mu àireamh-sluaigh Thirodh, is mu na triobaidean a tha a' tighinn an cois nam figearan sin.

"Tha na h-àireamhan air a dhol suas ach tha na h-àireamhan air crìonadh eadar aois 13 gu 50, agus air àrdachadh a thaobh a' ghinealaich nas sine.

"'S e rud a tha sin a tha doirbh dhuinn ann an coimhearsnachd far nach eil gu leòr dhaoine againn a tha òg gu leòr a bhith ag obair ann an obraichean deatamach - a thaobh nursadh, a thaobh taigh dhaibhsan a tha nas sine."

Fo-thiotal a’ bhidio,

An cunntas-sluaigh an Colla.

Ged a tha ceistean gu leòr an Tiriodh, 's ann a bha cùisean na bu dhubhaiche buileach taobh thall Sruth Ghunnaidh ann an Colla.

Thuit na tha de dhaoine a tha a' còmhnaidh san eilean bho 190 gu 171 agus an àireamh le Gàidhlig sìos bho 15 gu 12.

"Tha nas lugha na deichnear ga bruidhinn ann an Colla aig an robh Gàidhlig bho thùs," dh'innis Ciorstaidh NicPhàrlain, a tha i fhèin am measg nan daoine sin.

"Tha mi a' cluinntinn anns na naidheachdan gu bheil daoine a' dèanamh cheanglaichean eadar Gàidhlig agus a' brosnachadh agus a' cruthachadh ghnìomhachasan an siud is an seo.

"Tha iad a' dìochuimhneachadh, nach eil, nach eil cànan beò ach taobh a-staigh cultair? Tha an dà chuid a' dol còmhla.

"Mura biodh cultar ann, cha bhi an cànan ach dìreach rudeigin a dh'ionnsaicheas tu san sgoil mar Laideann no Fraingis.

"Tha mise a' faicinn Gàidhlig mar chànan a tha stèidhichte anns na sgìrean dùthchail againn, a tha stèidhichte air obair àiteachais agus obair iasgaich, gnìomhachasan traidiseanta".

Fo-thiotal an deilbh,

Thog Ciorstaidh NicPhàrlain an Colla mu cho cudromach 's a tha an dàimh eadar cànan is cultar.