"Feumaidh an A9 a bhith sàbhailte is seasmhach"

A9
  • Air fhoillseachadh

Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba gum feum an A9 a bhith "sàbhailte is seasmhach" is e air coinneachadh ri luchd-poileataigs dùbhlanach is luchd-iomairt mu shuidheachadh an rathaid.

Gheall Iain Swinney às ùr gu bheil "fòcas gu tur" aig Riaghaltas na h-Alba air an rathad gu lèir eadar Peairt is Inbhir Nis a dhèanamh dà-fhillte ro dheireadh 2035.

'S e sin an targaid ùr a stèidhich an riaghaltas an-uiridh.

Thàinig e às dèidh dhaibh aideachadh nach gabhadh an gealltanas a bh' aca bho thùs gus am pròiseact a chrìochnachadh ro 2025 a choileanadh.

Bha a' choinneamh Dimàirt ann is sreath de thubaistean eile air a bhith ann air an A9 anns na làithean mu dheireadh.

Chaill fireannach, 63, a bheatha ann an tubaist faisg air Cail Mhinn Didòmhnaich.

Nochd boireannach à Sìona sa chùirt Dimàirt fo chasaid gun do dh'adhbharaich i bàs le dràibheadh gu cunnartach.

"Tha co-fhaireachdainn againn ris a h-uile duine air an tug tubaistean air rathaidean na h-Alba bho chionn ghoirid buaidh", thuirt Mgr Swinney.

"Feumaidh an rathad deatamach seo tron Ghàidhealtachd a bhith sàbhailte is seasmhach is earbsa aig daoine ann.

"Tha fòcas againn gu tur air an rathad a dhèanamh a dhèanamh dà-fhillte ro dheireadh 2035 is cumaidh sinn oirnn gus an tèid sin a choileanadh".

Thuirt Mgr Swinney cuideachd gu bheil dùil gun tèid an cùmhnant airson an earrann eadar An Tom Aiteann agus A' Mhòigh a thoirt seachad anns na seachdainnean ri thighinn.

Bha Laura Hansler bhon bhuidhinn-iomairt A9 Dual Action Group cuideachd an làthair aig a' choinneimh.

Thuirt ise gu bheil feum air obair eile a dhèanamh air an rathad fhad 's a tha na prìomh leasachaidhean a' dol air adhart.

"Tha 2035 fada air falbh is tha feum air obair-leasachaidh eile san eadar-ama.

"Tha tòrr de na tubaistean seo a' tachairt timcheall air cinn-rathaid is feumar piseach a thoirt orra.

"Chan urrainn do mhuinntir na Gàidhealtachd feitheamh dad nas fhaide", thuirt i.