Bhòtairean òga nan Eilean Siar

Màiri NicLeòid
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh Màiri NicLeòid, 18, à Leòdhas, a' bhòtadh 'son a' chiad uair san taghadh seo

  • Air fhoillseachadh

Bidh òigridh air feadh na dùthcha a' bhòtadh airson a' chiad uair anns an Taghadh Choitcheann seo.

Dh'fhaighnich BBC Naidheachdan de chuid dhiubh anns na h-Eileanan Siar dè bha iad a' meas cudromach san taghadh, agus dè am beachd air bhòtadh.

"Uill, foghlam - gu h-àraid foghlam tro mheadhan na Gàidhlig," thuirt Màiri NicLeòid, 18, à Leòdhas.

"Tha mise ag obair ann an sgoiltean agus tha mi a' dèanamh ceum ann am foghlam agus Gàidhlig a dh'aithghearr.

"Dìreach rud a tha mise ag iarraidh fhaicinn, 's e tuilleadh airgid a' dol gu foghlam agus a' faicinn tuilleadh oidhirp a' dol ann an sgoiltean le Gàidhlig," thuirt i.

Fo-thiotal an deilbh,

Tha Fiona a' smaointinn gur dòcha gu bheil cuid a tha den bheachd nach dèan bhòtadh diofar

"Tha mi a' smaointinn gur iad na cuspairean a tha cudromach dhomhsa, foghlam agus cùram slàinte, rudan mar an NHS agus 's dòcha staing nan cosgaisean bith-beò 's rudan mar sin," thuirt Fiona NicIllFhialain, 18, à Uibhist a Deas.

"Gu dearbha an NHS," thuirt Alison Ghreumach, bhon Bhac ann an Leòdhas.

"Tha mi ag obair ann an dachaigh-cùraim, agus tha mi a' faicinn cho tric 's a bhios sinn a' cleachdadh ghoireasan an NHS, agus tha e caran duilich shuas anns na h-Eileanan an seo, so tha mi a' faicinn cho cudromach 's a tha an NHS dhomhsa agus dhan a h-uile duine eile."

Fo-thiotal an deilbh,

Bidh Alison Ghreumach ag obair ann an dachaigh-cùraim

A rèir nan cunntasan-bheachd tha an t-uabhas dhaoine eadar 18 agus 24 nach eil air clàradh airson bhòtadh.

Saoil carson a tha cuid a' seachnadh a' chothroim seo, agus a bheil beachdan làidir aig an òigridh mu dheidhinn?

"Tha mi a' smaointinn gu bheil leisg mar phàirt dheth," thuirt Fiona.

"Ach 's dòcha dìreach nach eil iad a' smaointinn gu bheil e a' dol a dhèanamh diofair, so chan eil iad a' bodraigeadh," thuirt i.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil tòrr dhaoine nach eil a' tuigsinn cho cudromach 's a tha e ar beachdan a chur a-mach 'son na tha a' tachairt anns ar dùthaich," thuirt Alison.

"Ach aig an aon àm tha tòrr dhaoine gad bhrosnachadh airson a bhith a' bhòtadh, agus tha thu a' faighinn tòrr bho do phàrantan cuideachd oir tha iadsan air a bhith a' bhòtadh airson ùine cho fada, 's tha iad a' cur a' bheachd acasan ortsa," thuirt i.

"Tha e tàmailteach," thuirt Màiri.

"Tha e uabhasach cudromach gu bheil sinn a' bhòtadh agus a' cleachdadh na bhòta againn, air sgàth 's, tòrr àiteachan san t-saoghal chan eil daoine, boireannaich, chan fhaod iad cur bhòt a-steach.

"Tha mise a' smaoineachadh gu bheil sinn glè fhortanach gu bheil guth againn agus gu bheil feum againn a chleachdadh," thuirt i.

Mar sin tha gu leòr bheachdan aig òigridh nan Eilean Siar, 's tha iad a' dèanamh fiughair ri bhith a' bhòtadh airson a' chiad uair.