Fo-thaghaidhean Comhairle na Gàidhealtachd a' teannadh dlùth

- Air fhoillseachadh
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' cur an cuimhne dhaoine mar a nì iad cinnteach gu bheil bhòt aca airson nam fo-thaghaidhean a bhios ann air an ath-mhìos.
Feumaidh daoine iad fhèin a chlàradh airson cothrom riochdaire a thaghadh airson na sgìre aca.
Bidh fo-thaghaidhean airson dà uàrd ann Diaordaoin an 19mh den Ògmhios - Linne Chromba agus Eilean a' Cheò.
Faodaidh daoine nas sine na 16 bliadhna de dh'aois bhòtadh cho fad 's a tha iad clàraichte.
Feumar sin a dhèanamh ro meadhan-oidhche Dimàirt 3 den Ògmhios.
Faodar clàradh, bhòt-phuist neo cead gum bhòt cuideigin às do leth iarraidh an seo, taobh a-muigh, agus faodar fònadh gu Oifis Clàraidh an Taghaidh air 0800 393783 ma tha sibh ag iarraidh bileag-bhòtaidh pàipeir.
Feumar cur a-steach airson bhòt-phuist ro 5:00f Diciadain an 4mh den Ògmhios, agus tha gu 5:00f Diciadain an 11mh den Ògmhios aig daoine neach ainmeachadh a nì bhòt air an son.
Chan fheum daoine dealbh dhiubh fhèin airson bhòtadh sna fo-thaghaidhean seo mar a dh'fheumas iad ann an taghaidhean Phàrlamaidean na Rìoghachd Aonaichte.
Thathar a' cur an cuimhne luchd-bhòtaidh gur e siostam bhòt shingilte ghluasadach, taobh a-muigh a bhios ga chleachdadh.

Tha naoinear a' seasamh ann am fo-thaghadh Eilean a' Cheò
Tha aon chomhairliche ùr ga lorg airson Uàrd Eilean a' Cheò an dèidh do Chalum Rothach seasamh sìos.
Tha naoinear thaghraichean ann:
John Coupland - Reform UK
Campbell Dickson - Neo-eisimeileach
Cairistìona NicIlliosa - Neo-eisimeileach
Katy Lawrence - Uainich na h-Alba
Màrtainn Mac a' Bhàillidh - Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba
Jonathan Dòmhnallach - Neo-eisimeileach
Seòras Mac a' Phearsain - Tòraidhean na h-Alba
Fay NicThòmais - Libearalaich Dheamocratach na h-Alba
Tha ochdnar a' seasamh ann an Uàrd Linne Chromba an dèidh do Mhaxine Nic a' Ghobhainn falbh:
Steve Siosalach - Pàrtaidh Alba
Ross Costigane - Libearalaich Dheamocratach na h-Alba
Richard James Cross - Neo-eisimeileach
Ryan Foirbeis - Tòraidhean na h-Alba
Ailean Dòmhnallach - Reform UK
Odette Dhòmhnallach - Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba
Michael Robert Perera - Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba
Martin Rattray - Neo-eisimeileach
Gheibhear fiosrachadh mu na fo-thaghaidhean air làrach-lìn Comhairle na Gàidhealtachd an seo, taobh a-muigh.