Chuireadh comhairliche far a dhreuchd rè ùine son còd-giùlain a bhriseadh

- Air fhoillseachadh
Chaidh comhairliche Gàidhealach a chur far a dhreuchd fad dà mhìos airson còd-giùlain nan comhairlichean a bhriseadh.
Fhuair Coimisean nan Inbhean gun do rinn an Libearalach Deamocratach Mìcheal Baird "dìmeas" air cathraiche agus comataidh buidhean coimhearsnachd ionadail mu phlanaichean airson leasachadh a dhèanamh air Caisteal Charbasdail faisg air Àird Ghaoithe.
Dh'innis Mgr Baird, a tha a' riochdachadh uàrd Meadhan Chataibh, Cataibh a Tuath agus an Iar, don bhuidhinn nach cuireadh iad taic ri maoineachadh airson a' bhaile san àm ri teachd mura biodh buill deònach an taic-san a chur ri ceannach fearainn.
Ghabh e ris gun deach e an aghaidh a' chòd agus thabhainn e leisgeul agus thuirt e gun tuigeadh mar a dh'fhaodadh an conaltradh aige a bhith air fhaicinn mar "mhì-mhodhail".

Chuala Coimisean nan Inbhean gun d' fhuair comataidh Talla Chùil Rathain fios bho Choilltearachd agus Fearann na h-Alba mu phìos talmhainn a bha cuideigin san sgìre airson a cheannach.
Thathar a' tuigsinn gun robh seo co-cheangailte ri ath-leasachadh Chaisteil Charbasdail, a tha fo shealbh na tè-lagha Samantha Kane.
Chaidh Mgr Baird an sàs sa chùis nuair a chuir e post-d gu neach-cathraich na comataidh ag ràdh nach cuireadh e taic ri togail-airgid airson talla a' bhaile nan cuireadh iad an aghaidh an reic.
Fhuair Coimisean nan Inbhean gun do "mhaoidh e gun cleachdadh e a chumhachd agus a dhreuchd" airson cuideam a chur air a' bhuidhinn.
Thuirt an coimisean cuideachd gun do dh'fhòn Mgr Baird iomadach turas gu cathraiche na comataidh agus gun deach e dhan taigh aca "grunn thursan gun innse ro làimh".
A' bruidhinn às dèidh co-dhùnadh èisteachd nan inbhean, thuirt Mgr Baird gun robh e duilich agus gur e "àm dùbhlanach" a bh' air a bhith ann.
Thuirt e gun robh e toilichte gun do dh'aithnich am panail gur e a bh' air cùl nam post-d aige "math na coimhearsnachd, agus mar a rachadh obraichean a chruthachadh an cois pròiseact Chaisteil Charbasdail".
Thuirt Mgr Baird gur e an dùrachd aige gum b' urrainn do bhuill na coimhearsnachd a bhith "a' tighinn beò còmhla gu sìtheil".
Thuirt Samantha Kane gun robh e riatanach an talamh a cheannach airson agus gum maireadh an caisteal mar làraich "a chùm math Chataibh agus na Gàidhealtachd".
"Tha spèis agam do dhealas Mhìcheil ach cha robh fios agam gun robh e air post-d mì-mhodhail a chur, agus tha mi toilichte gun do thabhainn e leisgeul agus gur e sin an co-dhùnadh," thuirt i.