Luaidh ga dhèanamh air Bill Mac a' Ghobhainn

Bill Mac a' GhobhainnTùs an deilbh, Comhairle na Gàidhealtachd
  • Air fhoillseachadh

Tha luaidh ga dhèanamh air Bill Mac a' Ghobhainn a bha uair na Phròbhost ann an Inbhir Nis.

Bha Mgr Mac a' Ghobhainn san dreuchd nuair a fhuair Inbhir Nis inbhe mar chathair-bhaile ann an 2000.

'S ann à Leòdhas a bha e fo thùs, ged a bha e mòran bhliadhnaichean a' fuireach ann an Inbhir Nis.

Chaidh a thaghadh mar chomhairliche an toiseach ann an 1995 is bha e na Phròbhost eadar 1999 is 2007.

Bha Mgr Mac a' Ghobhainn air grunn chomataidhean aig Comhairle na Gàidhealtachd, Comataidh na Gàidhlig nam measg, is bhiodh e tric a' nochdadh air BBC Radio nan Gàidheal anns an ùine aige mar Phròbhost.

Na bheatha obrach bha e na fo-mhaighstear puist ann an Dail an Eich.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun do chosg Mgr Mac a' Ghobhainn an ùine aige gus suidheachadh Inbhir Nis is muinntir a' bhaile a leasachadh is nach tèid a dhìochuimhneachadh.