"Cruaidh-fheum" air plana mu ghoireasan ùra am Barraigh

Tha fearg ann am Barraigh mu staid Sgoil Bhàgh a' Chaisteil is dìth adhartais mu ghoireasan ùra ann an roinn na slàinte is a' chùraim
- Air fhoillseachadh
Tha comhairlichean agus buidhnean coimhearsnachd ann am Barraigh air sgrìobhadh gu luchd-poileataigs aig àrd-ìre is iad ag iarraidh coinneimh mu na tha an dàn do sgoiltean, ospadal agus dachaigh cùraim an eilein.
Anns an litir, tha iad ag ràdh nach eil na goireasan seo idir aig ìre is gu bheil feum air cruinneachadh ann am Barraigh cho luath 's a ghabhas gus plana a dhèanamh mun t-slighe air adhart.
Thog iad air aithrisean BBC Naidheachdan bho chionn ghoirid mu dhroch staid Sgoil Bhàgh a' Chaisteil is iad ag ràdh gu bheil an togalach a' sìor a dhol bhuaithe.
Thuirt iad cuideachd gun deach innse dhaibh ann an 2008 nuair a bha Nicola Sturgeon ann am Barraigh is i na rùnaire slàinte aig an àm gun robh feum air dachaigh cùraim is ospadal ùr.
Chan eil sin air tachairt, tha iad ag ràdh, ged a tha leasachaidhean eile ann an roinn na slàinte aig tuath air a dhol air adhart.
Bha plana ann gus hub ùr a stèidheachadh ann am Barraigh leis an dà chuid goireasan slàinte is foghlaim, ach thuit am pròiseact às a' chèile.
Tha CnES a-nise ag obair air plana fa leth 'son sgoil ùr a thogail.
San litir, ris an do chuir an dithis chomhairlichean, dà chomhairle coimhearsnachd, dà chomann phàrantan agus Cobhair Bharraigh ainm, thathas ag ràdh gur e cùis èiginn a th' anns an t-suidheachadh.
Tha an litir ag ràdh nach bu chòir do dhiofar bheachdan poileataigeach eadar pàrtaidhean stad a chur air goireasan a thoirt gu ìre a tha freagarrach.
Chaidh an litir chun a' Phrìomh Mhinisteir is Leas-Phrìomh Mhinisteir, Rùnaire an Ionmhais, Rùnaire na Slàinte, Rùnaire an Fhoghlaim, Rùnaire nan Eilean, a thuilleadh air buill aig Holyrood bho gach pàrtaidh le riochdaireachdan air a' Ghàidhealtachd, agus BP nan Eilean Siar aig Westminster.
Tha cuireadh cuideachd a' dol gu àrd-oifigearan CnES is NHS nan Eilean Siar, agus gach comhairliche anns na h-Eileanan an Iar.