Siostam measaidh agus teisteanais ùr do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig

- Air fhoillseachadh
Tha Sabhal Mòr Ostaig ag ràdh gu bheil iad air "a' chiad phrògram barantais Gàidhlig nàiseanta de a sheòrsa riamh" fhoillseachadh.
Bidh am frèama-obrach, a bhios comasach air sgrùdadh a dhèanamh air ìrean luchd-labhairt a' chànain agus teisteanasan a thoirt dhaibh a rèir sin, stèidhichte air a' mhodail Eòrpach airson chànanan (CEFR), taobh a-muigh.
Bheir seo stiùireadh seachad air na prìomh chlachan-mìle do luchd-ionnsachaidh agus do luchd-labhairt na Gàidhlig agus bidh na teisteanasan a thèid a thoirt seachad stèidhichte air an stiùireadh sin.
'S e Frèam Iomraidh Cumanta Eòrpach (FICE) a tha Sabhal Mòr Ostaig air a thoirt air an t-siostam.
Tha iad ag ràdh gur e an t-ath-cheum a bhios ann do luchd-ionnsachaidh a tha mar-thà air a bhith a' gabhail brath air goireasan a leithid SpeakGaelic, taobh a-muigh, Duolingo agus goireasan ionnsachaidh eile.
Bidh an t-adhartas a tha luchd-ionnsachaidh a' dèanamh air a mheasadh agus thèid comharrachadh agus barantasan oifigeil a thoirt seachad airson sgilean anns a' chànan a dhearbhadh.
Thuirt Manaidsear Ionnsachaidh Inbhich aig Sabhal Mòr Ostaig, Màrtainn Mac a' Bhàillidh: "Ann an iomadh cànan eile, a leithid Gàidhlig na h-Èireann is na Cuimris, bha dreach de CEFR sa chànan aca fhèin air leth cudromach airson comasan cànain a dhearbhadh is a thomhas agus eòlas air ionnsachadh a sgaoileadh.
"Bidh dòigh fhurasta ann do luchd-labhairt na Gàidhlig an cuid sgilean cànain a mheas a-nis ri linn stèidheachadh CEFR sa Ghàidhlig, agus mar thoradh air sin teisteanas nàiseanta fhaighinn mar chomharra air comas sa chànan.
"Thèid taic a chumail ri buidhnean ri linn stèidheachadh FICE is iad a' leasachadh is a' lìbhrigeadh Phlanaichean Gàidhlig agus slighe shoilleir ann air adhartas do luchd-obrach a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig", thuirt e.

Thèid prògram measaidh FICE fhoillseachadh gu h-oifigeil as t-samhradh tro chùrsa a mhaireas seachdain.
Bidh deuchainn ann aig deireadh na seachdain sin airson teisteanas Gàidhlig A1 a chosnadh.
Bidh an cùrsa a' ruith eadar an 16mh is an 20mh den Ògmhios.
Thuirt Iar-Stiùiriche an Fhoghlaim aig Sabhal Mòr Ostaig, Eairdsidh MacGillEathain: "Bhon a chaidh SpeakGaelic a chur air bhog ann an 2021, tha sinn air na mìltean fhaicinn a' tòiseachadh air an slighe Ghàidhlig tro na goireasan ionnsachaidh.
"Tha e mar amas FICE gun tog sinn air an fhèill mhòir seo airson ionnsachadh is sinn a' toirt seachad prògram barantais nàiseanta airson adhartas is clachan-mìle ionnsachaidh a chomharrachadh.
"Thèid aig luchd-ionnsachaidh is fileantaich air measaidhean a dhèanamh airson an cuid sgilean cànain a dhearbhadh is a chomharrachadh tro phrògram barantais FICE."
Thuirt Sabhal Mòr Ostaig gum bi iad ag obair còmhla ri buidhnean coimhearsnachd, buidhnean ionadail is nàiseanta agus ionadan foghlaim eile airson prògram nàiseanta de mheasaidhean FICE a stèidheachadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh11 An Dùbhlachd 2024