Leasachadh £2m air Muileann Chlò Shiaboist

Clò Mòr
  • Air fhoillseachadh

Tha a' chompanaidh Clò Mòr Innse Gall (Harris Tweed Hebrides) a’ cur £2m an sàs sa mhuillinn aca ann an Siabost air taobh siar Leòdhais.

Thèid an t-airgead seo a chleachdadh gus leudachadh a thoirt air an togalach agus gus uidheamachd ùr a cheannach.

Chaidh a' chompanaidh a stèidheachadh an toiseach ann an 2007.

Thèid an £2m a chosg thairis air trì bliadhna, a' tòiseachadh air a' mhìos seo fhèin.

Cha ghabh am post Twitter seo a shealltainn air a’ bhrabhsair agaibh. Ceadaichibh Javascript no feuchaibh brabhsair eile.Faicibh stuth tùsail air Twitter
Chan eil am BBC an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
Leum thairis air twitter teachdaireachd le BBC Naidheachdan

Cead do stuth Twitter?

Tha stuth Twitter an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sàs. ‘S dòcha gum biodh tu airson poileasaidh nam briosgaidean aca a leughadh, taobh a-muigh a leughadh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh ‘Gabh ris agus lean ort’.

Chan eil am BBC an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
Deireadh twitter teachdaireachd le BBC Naidheachdan

"Mar ghnothachas tha sùil againn a-mach romhainn, 's bha sinn ag ullachadh airson seo a dhèanamh an toiseach ann an 2020, ach gu follaiseach b' fheudar cuid de rudan a chur an dàrna taobh," thuirt ceannard na companaidh, Mairead Anna NicLeòid.

"Tha sinn air a bhith ag ullachadh airson seo thairis air an dà no thrì bliadhna mu dheireadh.

"Fàgaidh e an gnothachas againn nas èifeachdaiche, 's nì e beatha 's beatha-obrach a' chòrr air 70 duine a tha ag obair an seo sa mhuilinn againn cho cofhurtail 's as urrainn," thuirt i.

Tha a' chompanaidh cuideachd an dòchas gun cuidich an t-airgead seo leis na h-amasan aca tuilleadh de na planaichean eadar-nàiseanta aca a choileanadh, a thuilleadh air na h-amasan aca san dùthaich seo fhèin.

"'S ann à bunait gu math farsainn sa mhargaidh a bhith againn a thàinig am fàs againn sna bliadhnaichean mu dheireadh," thuirt Ms NicLeòid.

"Chan eil sinn a' crochadh a-mhàin air aon seòrsa luchd-ceannaich ann an aon mhargaidh no ann an aon àite.

"Cumaidh sinn oirnn a' leasachadh san dòigh sin."