Mòran air ùidh a nochdadh ann an ICT
- Air fhoillseachadh
Dh'innis an luchd-rianachd aig Caley Thistle Inbhir Nis gu bheil còrr air 20 buidheann no neach air ùidh a nochdadh anns a' chluba, a th' ann an Lìog a h-Aon.
Thuirt BDO gun tèid fiosrachadh a chur thuca mu ICT, a bhuannaich Cupa na h-Alba ann an 2015, thairis air na làithean a tha romhainn.
Thug a' chompanaidh taing dhan choimhearsnachd airson taic a chumail ris a' chluba is am pròiseas a' leantainn.
Chrìochnaich an gèam aig Caley Thistle an aghaidh Kelty Disathairne 1-1.
Tha sgioba Inbhir Nis aig bonn na lìge às dèidh dhaibh peanas de 15 puingean fhaighinn nuair a chaidh iad ann an rianachd.
Thàinig air Caley Thistle Inbhir Nis, a chaidh a stèidheachadh ann an 1994, dealachadh ris a' mhanaidsear aca, Donnchadh Fearghasdan, is grunn chluicheadairean air a' mhìos a dh'fhalbh is iad a' feuchainn ri airgead a shàbhaladh.
Cha deach innse cò a th' air ùidh a shealltainn anns a' chluba.