Taic airson togalaichean eaglaise a shàbhaladh

Eaglais
Tùs an deilbh, Thinkstock
  • Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh an t-àm ri teachd a bhith a' coimhead nas dòchasaiche do sheann togalaichean eaglaise air feadh Alba - feadhainn air Ghàidhealtachd nam measg - air sgàth iomairt ùire.

Dh'innis Stòras Dualchais a' Chrannchuir Nàiseanta gum bi faisg air £0.5m ri fhaotainn do choimhearsnachdan a bhios airson seann togalaichean eaglaise a ghabhail thairis.

'S e seo a' chiad duais an Alba fo iomairt Àitichean Adhraidh Stòras Dualchais a' Chrannchuir Nàiseanta, anns a bheil luach £15m agus a chaidh a chur air bhog air a' mhìos a dh'fhalbh.

Tha an iomairt trì bliadhna mar phàirt de ro-innleachd deich bliadhna aig an Stòras Dualchais air a bheil Dualchas 2033.

Tha Eaglais na h-Alba air mòran eaglaisean a dhùnadh thairis air na bliadhnaichean mu dheireadh is co-thionalan a' fàs nas lugha.

Bha an Seann Àrd Eaglais ann an Inbhir Nis agus Abaid Mhanachainn Rois ann an Siorrachd Rois nam measg.