Nochdaidh triùir sa chùirt fo chasaid gun do mhurt iad duine an Inbhir Nis

Ross MacIlleBhràthTùs an deilbh, Poileas Alba
  • Air fhoillseachadh

Nochdaidh triùir anns a' chùirt fo chasaid gun do mhurt iad fireannach ann an sgìre Dhail an Eich de dh'Inbhir Nis.

Tha iad fo chasaid gun do cheangail iad Ross MacIlleBhràth, 36, agus gun robh iad a' gabhail dha le an dùirn, an casan agus innealan air an 11mh là dhen t-Samhain an-uiridh.

Tha Craig Hayden, 19, Leon Headey, 22, agus Samantha Jane NicIlleBhràth, 32, fo chasaid gun tug iad ionnsaigh air Ross MacIlleBhràth ann an taigh air Sràid Naoimh Ninian ann an Dail an Eich.

Chaidh a ràdh gun deach Mgr MacIlleBhràth a dhochann cho dona 's gun do bhàsaich e.

Tha an triùir cuideachd fo chasaid gun dh'fheuch iad ri bacadh a chur air ceartas le bhith a' tilgeil aodaich air an robh fuil dhan Chanàl Chaileannach.

Tha Leon Headey cuideachd fo chasaid gun robh e an sàs ann an oidhirp air murt ann an Alanais còmhla ri dithis fhireannach eile - Lee Friseal, 33, agus Tòmas Hooson, 28 - air an 25mh dhen Dàmhair an-uiridh.

Chaidh tagraidhean neo-chiontach a dhèanamh dhan chòignear aca aig an Àrd-Chùirt an Glaschu agus chaidh ceann-là airson cùis-lagha a chur air dòigh airson na Dàmhair an ath-bhliadhna.