Ùrachadh ga thoirt air eachdraidh a' Chlò Mhòir

Leabhar 'The Islanders and the Orb'
  • Air fhoillseachadh

‘S iomadh breabadair, air iomadh beart, a tha air iomadh slat de chlò a’ dhèanamh thar nam bliadhnaichean.

Cha ghabh dearbhadh cia mheud slat a chaidh a dhèanamh uile gu lèir gu dearbha, ach sin 's dòcha an aon nì a tha a dhìth air an leabhar seo.

Thèid dreach ùr den leabhar, ‘The Islanders and the Orb’, fhoillseachadh ann an Steòrnabhagh Dihaoine, is ùrachadh ga thoirt air an leabhar ainmeil aig Janet Hunter.

Chaidh a’ chiad dreach fhoillseachadh ann an 1995, is a Bh-Ph. Hunter ag innse eachdraidh a’ Chlò-Mhòir.

A-nise, tha Calum MacLeòid air trì caibidealan ùra a chur ris.

Fo-thiotal an deilbh,

Rinn Calum MacLeòid trì caibidealan ùra don leabhar gus an eachdraidh a thoirt suas chun an là a th' ann

Bha fèill mhòr air leabhar Janet Hunter nuair a nochd e an toiseach. Bha i a' toirt sùil air ais air mar a dh'fhàs - agus mar a chrìon - gnìomhachas a' Chlò Mhòir eadar 1835 agus 1995.

"A’ chiad leabhar a bh’ againn, bha sinn air a h-uile gin aca a reic agus ghabh sinn an cothrom dìreach cur ris an leabhar agus leabhar ùr a chruthchadh le 18 bliadhna a bharrachd de dh’fhiosrachadh agus de dh’eachdraidh agus cuideachd tha tòrr dhealbhan a bharrachd anns an leabhar ùr," mhìnich Marie Duke bhon chompanaidh foillseachaidh, Acair.

B' iad Ùghdarras a' Chlò Mhòir a dh'iarr an t-ùrachadh air an eachdraidh.

"Tha mi a’ smaointinn gu bheil eachdraidh a’ Chlò Hearaich cho cudromach dha na h-eileanan anns an fharsaingeachd ann an iomadach dòigh," thuirt Alasdair MacLeòid, iar-chathraiche an Ùghdarrais.

"Airson na h-eaconomaidh, airson nan daoine, airson a’ chànain, airson a’ chultair, san fharsaingeachd gu lèir.

"Thug Janet (Hunter) an sgeulachd suas gu 1995 ach thachair tòrr rudan bhon uairsin anns na 25 bliadhna a chaidh seachad.

"Bha sinn dhen bheachd gum biodh e math ùrachadh a thoirt air an leabhar, chan e tòiseachadh às ùr – cha robh adhbhar sam bith sin a dhèanamh – tha an eachdraidh aice miorbhaileach, chaidh an leabhar a sgrìobhadh ann an dòigh mhiorbhaileach.

"Bhruidhinn sinn ri fear às na Hearadh, a bh’ air bòrd Ùghdarras a’ Chlò Hearaich, Calum MacLeòid, agus thug sinn dha an dùbhlan, agus an cùmhnant sgrìobhadh mu dheidhinn an 25 bliadhna air ais, agus gu dearbha fhèin rinn e obair mhath dheth."

Fo-thiotal an deilbh,

'S iomadh rud a th' air tachairt bho 1995, planaichean airson seacaidean fireannaich nam measg

Dè th' aig Calum MacLeòid anns na trì caibidealan ùra? "Tòrr", mar a chuir e fhèin e gu sìmplidh.

Ghlac aon òrdugh aire an t-saoghail ann an 2004, le Nike ag iarraidh 10,000 slat de chlò airson brògan a' dhèanamh.

Bha cuideachd an deasbad - a thàinig gu sgaradh am measg cuid de bhreabadairean - eadar an 'single-width' agus an 'double-width'.

Agus cha b' urrainn dìochuimhneachadh air buaidh Brian Haggas, a chaochail bho chionn ghoirid, air a' ghnìomhachas, ged nach d' fhuair Mgr Haggas buileach na bha e ag iarraidh an toiseach a' rèir Chaluim.

"Am plana a bh’ aige, ‘s e gearradh sìos an 8,000 no mar sin de na pàtrain Clò Hearaich a bh’ ann gu dìreach ceithir pàtrain airson seacaidean fireannaich."

Tha na bliadhnaichean mu dheireadh air a bhith air leth soirbheachail dhan ghnìomhachas, le aithne agus aire don chlò a' fàs air feadh an t-saoghail.

Tha Calum fhèin den bheachd gum feum ùrachadh eile tighinn an ceann beagan bhliadhnaichean, ged nach eil fhios dè dìreach an ath thionndadh air an sgeulachd.

Do dh'Alasdair agus an Ùghdarras, 's e a bhith a' cumail air an fhreagairt iarrtasan an luchd-ceannaich prìomh amas nam bliadhnaichean ri thighinn, ach le fios acasan gum feum iad na th' aca a dhìon cuideachd.

"Tha margaidh a’ chlò ag atharrachadh mar a tha margaidh a h-uile càil eile agus feumaidh iad dèanamh cinnteach gu bheil iadsan a’ leantainn dè tha an gnìomhachas ag iarraidh, an fheadhainn a tha a’ ceannach a’ chlò, dè tha iadsan a’ sùileachadh, dè tha iadsan ag iarraidh?

"Ach air an làimh eile, feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil Clò Hearach air a dhèanamh anns an dòigh a bu chòir dha a bhith air a dhèanamh."

'S e suid, a bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil e air a dhèanamh anns an dòigh cheart, a tha a' fàgail suaicheantas an "Orb" air gach pìos den chlò phrìseil.