Coilltean Romàinia: "Tha sinn a’ bruidhinn air beatha agus bàs"
- Air fhoillseachadh
Bha fios aig Gabi Paun bho bha e na bhalach òg 's e a’ fàs suas ann an Romània gun robh e airson nàdar a dhìon.
A-nis na inbheach, tha e air fulang ri linn.
“Thàinig sianar air mo mhuin,” thuirt e, 's sinn air coinneachadh ris anns na beanntan ann an Romàinia.
“Thòisich iad a’ bualadh agus a’ breabadh mo chinn, mo dhruim, mo bhroilleach, gus an do thuit mi. Chuala mi iad ag ràdh, 'cuir stad air a’ chàr agus sgàird an camara. Cuir às dhaibh uile'.
"Canaidh sinn gun robh sinn gar dìon fhèin.”
Thàinig air Gabi Romània fhàgail às dèidh seo agus tha e a-nis a’ fuireach ann an dùthaich eile gus a chumail sàbhailte. Bidh e a’ tilleadh dhachaigh ge-tà agus an iomairt aige gus nàdar a dhìon a' leantainn.
Ann an Romàinia, tha sin a’ ciallachadh a bhith a’ strì an aghaidh chraobhan a bhith air an leagail gu mì-lagail.
A rèir nam figearan às ùire, tha 18 millean meatair ciùbach de dh'fhiodh air a ghearradh, gu laghail, ann an Romàinia gach bliadhna. Ach tha an aon uimhir a-rithist air a ghearradh gu mì-laghail.
Anns na beanntan ann an sgìre Transylvania, choinnich sinn ri Horea Petrehus, maor-coille a tha ag obair air a cheann fhèin agus a tha a’ cur a bheatha seachad anns a’ choille.
“Dh’ fhàs mi suas an seo,” thuirt e agus sinn a’ dèanamh ar slighe tro thè de choilltean na dùthcha, air nach eil mac an duine air buaidh a thoirt.
“Seo mo dhachaigh. Gun teagamh sam bith, seo mo dhachaigh," thuirt e.
Sheall e dhuinn na bh’ air fhàgail de chraobhan a bh’ air an leagail gun chead. Bha iad air an còmhdach le poll ann an oidhirp am falach. Bha iad cuideachd gun chomharra.
“Nam biodh seo laghail,” thuirt Horea, ‘s e a’ sguabadh poll gu aon taobh, “bhiodh comharra le dath an seo. Bhiodh e gu math follaiseach. Ach chan eil an leithid a chomharra ann agus mar sin, tha e soilleir gun deach a' chraobh seo a leagail gu mì-laghail.”
Tha fiodh luachmhor ach tha agus craobhan. Mar sin, tha an dol a-mach seo a’ toirt buaidh air an àrainneachd.
Tha na craobhan ann am beanntan Charpathia Romàinia a’ sùghadh suas 63 millean tunna de charbon gach bliadhna. Sin trì uimhir ‘s a tha craobhan na Rìoghachd Aonaichte air fad. Tha na coilltean seo cuideachd nan dachaigh do dh’iomadach seòrsa beathach, eun agus biastag - agus tha na dachaighean sin a-nis ann an cunnart.
Thug Gabi sinn gu gleann anns na beanntan far an robh heactairean de chraobhan air an leagail. A rèir Gabi, cha b’ urrainn dha seo a bhith laghail leis gu bheil inbhe dìon air a bheil Natura 2000 air a buileachadh air an sgìre. Faodar craobhan a ghearradh anns na sgìrean sin ach feumaidh measadh a dhèanamh an toiseach air a’ bhuaidh a bheireadh an leithid air an àrainneachd. Thuirt Gabi nach ceadaicheadh measadh sam bith sgrios den t-seòrsa seo.
Fhad ‘s a bha sinne ann, chunnaic sinn le dròn na daoine a bha a’ gearradh chraobhan. Cha robh iad ach pìos beag air falbh bhuainn ach cha robh e sàbhailte a dhol nan tòir. Air an dròn, chunnaic sinn gun robh iad a’ draghadh chraobhan tro abhainn. Tha seo a’ dèanamh call mòr, a rèir Gabi.
“Tha seo na dhuilgheadas a chionn ‘s gu bheil seòrsa de dh’iasg anns an abhainn seo, asprete, a tha gus a dhol à bith. Chan eil ach 50 dhuibh air fhàgail. Tha an seòrsa iasg seo air a bhith ann fad 65 millean bliadhna agus a-nis, chan eil iad beò ach anns a’ phìos seo dhen abhainn. An ceann beagan bhliadhnaichean, bidh iad air a dhol gu tur à bith.”
Tha Gabi a’ coireachadh mar a tha craobhan gan leagail gu mì-laghail airson seo.
Chan e an àrainneachd a-mhàin a tha a’ fulang ri linn na h-obrach seo. ‘S e obair chunnartach a th’ ann an obair nan coilltearan. Chaidh 650 ionnsaigh a thoirt orra san 10 bliadhna mu dheireadh agus chaidh sianar mhaor-choille a mharbhadh.
Bha caraid do Horea, Liviu Pop, nam measg. Chaidh a mhurt ann an 2019 agus e a’ feuchainn ri stad a chur air feadhainn a bha a’ leagail chraobhan gu mì-laghail. Chaidh fear dhuibh a dhìteadh airson a mharbhadh agus chaidh binn prìosain 17 bliadhna a chur air. Chan eil e furasta do Horea bruidhinn mu na thachair. Nuair a chaidh faighneachd dha mu dheidhinn, thionndaidh e aodann air falbh bhon chamara.
“Dh’ fhàg e bean agus triùir chloinne,” thuirt e. “Tha clann a-nis air am fàgail gun athair, ‘s am màthair gan togail leatha fhèin. ‘S e a bhith a’ dìon choilltean an obair a bh’ aige. Rinn e sin. Tha a’ choille seo a’ toirt dhuinn ogsaidean agus bùrn. Bhàsaich esan a’ feuchainn ri rudeigin a dhèanamh dhuinn.”
Thug Horea cuideachd sinn a choinneachadh ri fear a bha roimhe na phoileas. Bha draghan air mu shàbhailteachd agus mar sin, bheir sinn Iacob air. Mar phoileas, bha Iacob a’ feuchainn ri feadhainn a bha a’ leagail chraobhan gu mì-laghail a ghlacadh. Ach às dèidh an leithid a dhèanamh as t-Earrach, chaidh a chur fo ghlas na dhachaigh agus e fo chasaid gun do ghabh e brìb. Tha e a’ dol gu tur às àicheadh seo. A rèir Iacob, ‘s e casaid fuadain a th’ ann a chruthaich companaidhean ionadail a bhios a' leagail chraobhan gus fhaighinn a-mach às an rathad.
“San sgìre agamsa,” thuirt e, “bha eagal air mèirlich an fhiodha rothamsa. Ach na poilis eile, ‘s ann a tha eagal orrasan iad fhèin.”
‘S e draghan mu dhaoine sa choimhearsnachd a bha ga bhrosnachadh.
“Bha sean daoine gach bliadhna a' cosg cnap math dhen pheinnsean bheag aca gus càr làn fiodha a cheannach bho chompanaidh a bha a' goid an dara leth dhen fhiodh sin bhon choille. Sin a thug orm rud a dhèanamh. A' smaoineachadh gu bheil na companaidhean sin a' goid gus seann truaghain fhàgail nas miosa dheth, agus iad fhèin a dhèanamh nas beartaiche.”
Gun fhios dè eile a dhèanadh e, leig Iacob dheth a dhreuchd. Thuirt e gum bi an leithid seo a’ tachairt cho fad ‘s a bhios coirbteachd na trioblaid.
Nochd casaidean mu choirbteachd uair is uair co-cheangailte ris a’ chuspair seo. Thuirt cha mhòr a h-uile duine ris an do bhruidhinn sinn gu bheil iomadach neach an sàs, eadar maoir-choille, companaidhean, ceannardan agus luchd-poileataigs. Dh’ iarr sin freagairt bho chompanaidh coilltearachd na stàite, ach dhiùlt iad sin a thoirt dhuinn.
Tha an dol a-mach seo air aire a ghlacadh taobh a-muigh chrìochan Romàinia. Sa Ghearran 2020, às dèidh ghearanan bho bhuidhnean àrainneachd, thug an t-Aonadh Eòrpach Riaghaltas Romàinia gu lagh. Bha iad a' cur às an leth gun robh iad a' briseadh riaghailtean àrainneachd an EU mu thimcheall coilltearachd. Tha a’ chùis sin fhathast a’ leantainn.
A rèir Minstear na h-Arainneachd ge-tà, ‘s ann nas fheàrr a tha cùisean air fàs ri linn oidhirpean an riaghaltais agus chan eil coirbteachd na trioblaid san roinn seo tuilleadh. Choinnich sinn Ionut Banciu san oifis aige ann am Bucharest.
“Bho chionn deich no dusan bliadhna, bha e doirbh smachd a chumail air mar a bha craobhan gan leagail gu mì-laghail,” thuirt e. “Chaidh fiù 's a chur an lùib ro-innleachd teàrainteachd nàiseanta na dùthcha. Thòisichear a' dèiligeadh ris ann an dòighean a tha a' leantainn agus ga neartachadh chun an là an-diugh.
"Reachdas, smachd-bhannan, eucoirean, càintean - agus siostam gus smachd a chumail air far a bheil fiodh ga ghluasad, a tha nas fhaicsinniche na siostam sam bith eile san t-saoghal. Agus tha sinn a' cosg nam milleanan air teicneòlas gus sùil a chumail air na coilltean agus dèiligeadh ri craobhan a bhith gan leagail gu mì-laghail".
Tha Gabi a’ dol às àicheadh seo. Tha fiosrachadh mu choilltean, 's na tha ga thoirt àsta de dh'fhiodh, ga chruinneachadh thairis air cuairtean de cheithir bliadhna ann an Romàinia. Chaidh na figearan mu dheireadh fhoillseachadh ann an 2019 agus sin an fheadhainn a chaidh ainmeachadh aig toiseach na h-aithris seo.
Sheall iad sin gun deach 36 millean meatair ciùbach de dh’fhiodh a thoirt à coilltean na dùthcha gach bliadhna. Thathas an-dràsta an teis mheadhan na h-ath chuairt agus a rèir fiosrachaidh a tha Gabi air fhaighinn, tha a h-uile coltas ann nach bi na figearan ùra mòran nas fheàrr.
“Chuir e iongnadh mòr orm,” thuirt e. “Tha mi air an dàta fhaicinn agus tha e a’ sealltainn gu bheil 35 millean meatair ciùbach de dh’fhiodh fhathast ga thoirt à coilltean Romàinia gach bliadhna.”
Dh’iarr sinn brath bhon riaghaltas ach cha d’ fhuair sinn freagairt. Thuirt Ministear na h-Àrainneachd san agallamh a rinn sinn còmhla ris ge-tà, gu bheilear ag amas air 10% de choilltean a dhìon agus gu bheil iad an-dràsta aig 4%. Thuirt e cuideachd ge-tà, gum feum iad a dhol an sàs, fiù ‘s ann an coilltean a th’ air an dìon.
“Ma tha teine ann no ma leagas a’ ghaoth craobhan, thèid an èiceo-shiostam sin a chall. Airson rudeigin a dhìon, feumaidh smachd air choireigin a bhith air a chumail air. Chan eil dìon teann, a’ toirt mac an duine air falbh bho nàdar agus ga fhàgail, freagarrach bho shealladh atharrachadh na gnàth-shìde.”
Tha atharrachadh na gnàth-shìde a’ ciallachadh gu bheil sinn uile a’ faighinn buannachd à coilltean Romàinia agus gu bheil sinn uile gam feumachdainn.
Tha Horea ag iarraidh tuilleadh taic bhon Aonadh Eòrpach gus am bi na coilltean ann airson cuideachadh ann a bhith gar dìon san àm ri teachd.
“Ma thèid na coilltean seo a sgrios,” thuirt e, “chan fhaigh sinn air ais iad.”
Tha Gabi air an aon ràmh agus tha amas sònraichte aige na iomairt.
“'S e am prìomhachas a th’ agam saidheans a thoirt an lùib poileataigs uair eile.
"Chan eil ùine againn tuilleadh. Tha sinn a’ bruidhinn air beatha agus bàs a-nis.”
Bidh Eòrpa: Coilltean Romàinia gan call air BBC ALBA Diluain aig 11:00f agus air iPlayer a' BhBC an seo.