Poileas Alba "fhathast ag amas" air fuasgladh do chùis Alasdair MhicUilleim

Veronica is Alasdair MacUilleimTùs an deilbh, Poileas Alba
  • Air fhoillseachadh

Thuirt Àrd-Chonstabal Phoileas Alba gu bheil e na amas dhaibh fhathast fuasgladh fhaighinn do chùis mhuirt Alasdair MhicUilleim, às dèidh dha a theaghlach am feachd a chàineadh.

Chaidh Mgr MacUilleim, 30, a mhurt air a starsaich fhèin an Inbhir Narann san t-Samhain 2004.

Cha deach am murtair a lorg a-riamh.

An t-seachdain seo chaidh, dh' iarr Am Morair Tagraidh Dorothy Bain KC ath-sgrùdadh air a' chùis.

Ann an agallamh ris a' phaipear-naidheachd am Press and Journal air an deireadh-sheachdain, thuirt an teaghlach gun robh iad air earbsa a chall ann an comas Phoileas Alba fuasgladh fhaighinn.

Thuirt iad nach eil iad a' tuigsinn carson nach deach Ceannard nam Mòr-Eucoirean, Det Ch Supt Pòl Livingstone, a chur às a dhreuchd às dèidh mar a chaidh gabhail ri gearan a thog iad na aghaidh.

Thuirt iad cuideachd gun do dhiùlt an t-Àrd-Chonastabal, Jo Farrell, iarrtas gus coinneachadh riutha, is mura beachdaich i air às ùr, gu bheil sin a' togail ceist mun dreuchd aicese cuideachd.

Ann am brath Diluain, thuirt an t-Àrd-Chonastabal gun deach "rannsachaidhean gu math farsaing" a dhèanamh is gu bheil iad "fhathast ag amas air fuasgladh fhaighinn".

Thuirt i cuideachd gu bheil e cudromach a bhith a' leigeil leis an oifigear ùr a bhios os cionn an rannsachaidh càirdeas a stèidheachadh leis an teaghlach.