Cùis Mhuirt Shlèite: poilis fo òrdugh gun càr a stad

Taigh ann an Slèite
Fo-thiotal an deilbh,

Thathas a' fàgail air Fionnlagh Dòmhnallach gun do mhuirt e a bhràthair cèile John MacFhionghain san taigh seo ann an Slèite mus deach e dhan Dòrnaidh

  • Air fhoillseachadh

Chuala an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann Dihaoine mar a lean carbadan poilis càr san robh Fionnlagh Dòmhnallach fad mhìltean às an Eilean Sgitheanach gu tìr-mòr - gun oidhirp a dhèanamh stad a chur air a' chàr - air an là air a bheil e ga fhàgail air Mgr Dòmhnallach gun do dh'fheuch e ri Mgr John Don MacCoinnich 's a bhean aige nan dachaigh san Dòrnaidh.

Chuala a' chùirt bhon t-Sgt Christopher Tate, a thuirt gun robh e air coinneachadh ri càr Mhgr Dhòmhnallaich air an rathad a Shlèite an ceann a deas an eilein, gun do lean e an uair sin an càr ach gun deach innse dha le Inspeactair stèidhichte ann an Dùn Dè gun stad a chur air.

Thathas a' fàgail air Fionnlagh Dòmhnallach gun do mhuirt e aon duine 's gun do rinn e oidhirp air triùir eile a mhurt air an 10mh là den Lùnastal 2022.

Tha Mgr Dòmhnallach a dol às àicheadh nan casaidean uile.

Tha a' chùis a' leantainn.