Iomairt Cheann a' Ghiùthsaich gus Cupa MhicTàmhais a dhìon a' leantainn

Fo-thiotal a’ bhidio,

Rinn Lòbhat a' chùis air Gleann Urchadain trì tadhail gu h-aon ann an Druim na Drochaid

  • Air fhoillseachadh

Tha iomairt Cheann a' Ghiùthsaich gus Cupa MhicTàmhais a dhìon, beò fhathast agus iad air ìre nan iar-chuairtean deireannach a ruighinn.

Rinn iad a' chùis air sgioba An Eilein Sgitheanaich 5 - 1 aig An Dell.

Fhuair Roddy Young trì tadhail air an là, le Ryan Borthwick agus Tòmas Borthwick cuideachd an sàs, agus b' e Dan MacDhòmhnaill a fhuair an aona thadhal do na Sgitheanaich.

Anns na geamannan eile, dh'fhàg tadhal anmoch anns a' chiad leth bho Alexander Mac a' Mhaoilein gur iad An Gearasdan a bhios an sàs anns na iar-chuairtean deireannach, seach Ceann Loch Seile.

Bidh Lòbhat iad fhèin an sàs, às dèidh a' chùis a dheanamh air Gleann Urchadain 3 - 1.

Chuir Marc MacLachlan dà thadhal air thoiseach iad, mus d'fhuair Daniel MacIlleathain fear air ais do Ghleann Urchadain.

Nochd Lewis Tawse le tadhal san dàrna leth ge-ta, gus àite anns an ath chuairt a dhèanamh cìnnteach.

Bha còig tadhail anns a' gheama eadar Loch Abar agus Cill Mhàilidh.

Ged a chaidh Loch Abar dà thadhal air thoiseach, chaidh aig Cill Mhàilidh air tilleadh gu a bhith co-ionnan aig 2 - 2.

Sin gus an do nochd Stuart Callison mionaid ro dheireadh a' gheama, le tadhal a dh'fhàgas Loch Abar an luib nan ceithir sgiobaidhean mu dheireadh.

Aig deas, ann an cairteal-cuairtean deireannach Chupa Comann Chèilteach Ghlaschu, bha còig tadhal ann an gach geama a chaidh air adhart.

Shoirbhich le Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal 4 – 1 an aghaidh Eilean Bhòid.

Bha cùisean na bu shìmplidh buileach do Chaol Bhòid, a' buannachadh 5 – 0 an aghaidh Col Glen.

'S e an aon scòr a bh' ann aig Pàirce Mhossfield cuideachd, far an d'fhuair Inbhir Aora làmh an uachdair air sgioba Celtic an Òbain 5 - 0.

Cha robh ach an aona gheama anns a' phrìomh lìog, le Baile Ùr an t-Slèibh a' tighinn am bàrr 2 – 0 an aghaidh na Manachainn.

Tha sin air am fàgail san t-siathamh àite san lìog – còig puingean air dheireadh air Ceann a' Ghiùthsaich a th' aig a mhullach.

Tha A' Mhanachainn gun phuing a thogail air an t-seusan seo fhathast.