Taigh Cèilidh a' fosgladh an dàrna togalaich aca ann an Steòrnabhagh

Chaidh cuirm a chumail airson An Taigh Coinneimh fhosgladh gu h-oifigeil
- Air fhoillseachadh
Chaidh cuirm a chumail airson an t-àite cruinneachaidh ùr aig An Taigh Cèilidh ann an Steòrnabhagh fhosgladh gu h-oifigeil.
'S e An Taigh Coinneimh an dàrna togalach aig An Taigh Cèilidh, air a bheil cuideachd an Cafè Gàidhlig, air Sràid na h-Eaglaise sa bhaile.
Tha iad an dùil tachartasan nas fhoirmeile a chumail ann agus bidh e cuideachd ri fhaotainn do bhuidhnean eile.
'S iad Teàrlach Wilson agus Magaidh Nic a' Ghobhainn air cùl a' phròiseict agus shoirbhich gu mòr leotha on thòisichear a' bruidhinn air ann an 2021.
'S e An Taigh Cèilidh a chruthaich a' chiad Scrabble sa Ghàidhlig agus tha fèill mhòr air a bhith air a' gheama.

Teàrlach Wilson le a mhàthair, Mairead (taobh clì) agus an tidsear Gàidhlig aige, Cairiostiana
Fhuair An Taigh Cèilidh, a tha na iomairt shòisealta, taic-airgid bho ghrunn bhuidhnean, Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus Maoin Calpa Sòisealta is Coimhearsnachd aig NatWest RBS nam measg.
Thug Mgr Wilson taing do na buidhnean maoineachaidh, luchd-obrach agus luchd-cleachdaidh a' chafè a chùm taic riutha thuige seo.
Tha An Taigh Cèilidh a-nis air tagradh a chur gu Buidheann Riaghlaidh nan Carthannasan Albannach airson a dhol na bhuidheann charthannais.
Bidh iad a' coimhead airson urrasairean ùra nuair a gheibh iad an inbhe sin, cho math ri luchd-obrach ùra airson an dà thogalach aca.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh20 An t-Samhain 2023
- Air fhoillseachadh24 An Lùnastal 2022