Luchd-obrach Uisge na h-Alba a' dol air stailc dà là

- Air fhoillseachadh
Bidh luchd-obrach Uisge na h-Alba air stailc Dimàirt agus Diciadain agus iad mì-thoilichte leis an àrdachadh pàighidh a thathas a' tabhann orra.
Cha bhi iad ag obair bho mheadhan-oidhche Diluain.
Tha seo an dèidh stailc a mhair aon là sa Mhàrt.
Tha trì aonaidhean-ciùird an sàs san iomairt, an GMB, Unite agus Unison.
Tha a' chompanaidh, a tha fo shealbh na stàite, air a ràdh gu bheil planaichean ann airson seirbhisean a chumail ri daoine.
Thug Unison rabhadh seachad nach rachadh obair-càraidh èiginneach agus sgrùdaidhean air glainnead bùirn a dhèanamh, agus cha mhotha a rachadh dèiligeadh ri trioblaidean le solar-uisge neo òtrachais gus am biodh an stailc seachad.
Dhiùlt iad tairsge pàighidh 2.6%, àrdachadh co-dhiù £1,050, agus iad ag ràdh nach eil e a' tighinn a rèir mar a dh'èirich an atmhorachd sna 10 bliadhna a dh'fhalbh, ged a thuirt Uisge na h-Alba gu bheil an tairsge air a' bhòrd an-dràsta nas àirde na sin.
'Innleachd mu dheireadh'
Thuirt eagraiche roinneil Unison Alba, Emma Phillips: "'S e stailc an innleachd mu dheireadh.
"Dh'fhuiling luchd-obrach 10 bliadhna de thairsgean pàighidh nach eil a' cumail suas ri ìre na h-atmhorachd.
"Chan eil iad deònach tuilleadh gun pàigheadh gu leòr fhaighinn.
"Rinn an t-aonadh an dìcheall toirt air àrd-mhanaidsearan Uisge na h-Alba tairsge cothromach a chur air a' bhòrd, ach tha iad a' diùltadh a bhith reusanta."
Thuirt Àrd-rùnaire Unite, Sharon Ghreumach: "Tha na buill againn aig Uisge na h-Alba a' dèanamh obair fìor chudromach. A dh'aindeoin na h-obrach riatanaich a nì iad, chunnaic iad na tuarastail aca a' crìonadh fad bhliadhnaichean, agus chan eil iad airson an suidheachadh sin fhulang tuilleadh.
"Cuiridh sinn ar làn taic ris an luchd-obrach san t-strì airson obraichean agus pàigheadh nas fheàrr."
Thuirt Claire Greer, eagraiche na h-Alba airson an GMB, gun do thabhainn a' chompanaidh tairgse ùr an dèidh chòmhraidhean leis an t-seirbheis rèiteachaidh Acas, ach gur e tairgse na bu mhìosa a bh' ann.
Thuirt i: "Bha an t-àrdachadh pàighidh airson na bliadhna a dh'fhalbh agus airson pàirt mhòr den bhliadhna seo ro fhada, ro thoinnte ach, nas cudromaiche buileach, rò iosal.
"Leanaidh na stailcean agus an iomairt againn gus am faigh ar buill tairgse a tha cothromach agus ris an urrainn dhaibh gabhail."
Tairgse nas fheàrr
Thuirt Peadar Farrer, Àrd-oifigear Uisge na h-Alba: "Chan eil stailc gu buannachd dhuine sam bith, agus 's e am fòcas againn dèanamh cinnteach gun cùm sinn seirbheisean ris na milleanan de luchd-ceannaich againn air feadh Alba.
"Tha an tairgse againn os cionn na h-atmhorachd agus cothromach, a' dèanamh cinnteach gum faigh iadsan air na tuarastail as ìsle àrdachadh a bharrachd - airgead a bu chòir a bhith ann am pòcaidean an luchd-obrach an-dràsta."
Thuirt e gun do choinnich gach taobh leis an t-seirbheis rèiteachaidh Acas nas tràithe air a' mhìos feuch am faighear fuasgladh, agus gun do thabhainn iad àrdachadh às ùr bhon uair sin.
"'S e moladh math a tha seo, agus tha sinn tàmailteach nach eil oifigearan aonaidh air cothrom a thoirt dha na buill aca bhòtadh air ann am baileat," thuirt e.
"Tha sinn ag iarraidh air na h-aonaidhean tilleadh gu còmhraidhean cho luath agus a ghabhas.
"Chan eil sinn ag aithneachadh an 2.6% ann am brath Unison agus chan eil sin mar phàirt den tairgse againn.
"'S e na tha sinn air tabhann àrdachadh os cionn na h-atmhorachd de 3.4% airson 2024/25, le barantas gum faigh an fheadhainn air a' phàigheadh as ìsle àrdachadh co-dhiù £1,400, a' ciallachadh gum faigh cuid den luchd-obrach mu 5.5%."