Naidheachdan 11:00m

Fo-thiotal a’ bhidio,

Naidheachdan 11:00

  • Air fhoillseachadh

An t-Olocost

Tha 80 bliadhna ga chomharrachadh an-diugh bho chaidh càmpa bàis nan Nàsach aig Auschwitz-Birkenau a shaoradh le feachdan Sòbhiatach. Chaidh còrr air millean duine a mhurt aig Auschwitz, Iùdhaich sa mhòr mhòr chuid. Tha mu 80 duine a thàinig beò às an sgrios a' tilleadh ann an-diugh airson an là a chomharrachadh.

Dealan

Tha na mìltean dhachaighean fhathast às aonais an dealain às dèidh Stoirm Éowyn Dihaoine. Tha SSEN ag ràdh gu bheil iad ag obair gus dealan a thilleadh gu mu 2,500 dachaigh gu seachd àraid ann an Earra-Ghàidheal, Cinn Tìre agus cuid dhe na h-eileanan. Tha Scottish Power ag ràdh gu bheil mu 5,000 dachaigh fhathast dheth ann am meadhan 's ceann a deas na dùthcha.

Ban-phoileas air a leòn

Chaidh dithis a chur an greim 's fo chasaid an co-cheangal ri mar a chaidh càr a ghoid ann an Inbhir Pheotharain an-dè, mus do bhuail e ann an càr poilis air an A82. Fhuair poilis fios an uair sin gu robh e ga dhraibheadh gu cunnartach air an A82. Tha na poilis ag ràdh gun deach iad na thòir nuair nach do stad e dhaibh, 's gun do bhuail an dà charbad na chèile. Fhuair dithis oifigearan poilis cùram san ospadal ged nach robh am beatha ann an cunnart. Nochdaidh fireanach a tha 29 agus fear eile a tha 42, sa chùirt an-diugh fhathast an co-cheangal ris a' chùis.

Gàsa

Thòisich na mìltean Phalestinianaich a' tilleadh gu ceann a tuath sgìre Ghàsa às dèidh do Hamas aontachadh ri triùir Israelach eile a bh' aca am bruid a shaoradh. Tha na deugachadh mhìltean de dhaoine a' gluasad an-dràsta air rathad a' chosta. Tha an Dr Salim Ghaydda a tha ag obair aig Ospadal an Rathaig Mhòir, ag ràdh gur e faochadh mòr a th' ann dùsgadh sa mhadainn gun eagal gun deach buill teaghlaich a mharbhadh, 's gu bheil e an dòchas gum mair an fhois-fhòirneart.

NHS an Alba

Tha am Prìomh Mhinistear, Iain Swinney, air gealltainn gum fuirich an NHS ann an làmhan a' phobaill agus saor a chleachdadh fon riaghaltas aige-san. Ann an òraid an Dùn Èideann sa mhadainn, mhìnich Mgr Swinney planaichean airson piseach a thoirt air seirbheisean slàinte agus amannan feitheimh a ghearradh. Tha dùbhlanaich ag ràdh nach eil an SNP air gu leòr a dhèanamh mun chùis ann an 18 bliadhna de riaghladh.

Uisge na h-Alba

Bhòtaidh luchd-obrach aig Uisge na h-Alba co-dhiù a bheil iad airson a dhol air stailc 's còmhraidhean eadar an t-aonadh Unite agus a' chompanaidh air tuiteam às a chèile. Tha Unite ag ràdh nach eil na tha ga thabhainn air luchd-obrach cothromach an coimeas ris na tha ceannardan na companaidh a' faighinn. Tha Uisge na h-Alba ag ràdh gu bheil iad diombach mun t-suidheachadh 's ag iarraidh tuilleadh chòmhraidhean leis an aonadh.

Connadh à sgudal

Bu chòir gum bi connadh ga dhèanamh à sgudal an eilein ann an Uibhist ro dheireadh na bliadhna, a-rèir an fheadhainn a tha an sàs sa phròiseact. Tha companaidhean prìobhaideach gu bhith ag obair le Comhairle nan Eilean Siar gus sgudal bith-chnàmhach - an leithid sgudal bidhe - a bhriseadh an-àirde airson connadh a ghabhas a losgadh a dhèanamh dheth. Tha sin an àite a bhith ga ghiùlain a Steòrnabhagh airson a thìodhlacadh. Tha dragh air feadhainn ge-tà gum bi seo fhathast a' cruthachadh truaillidh a thaobh càrboin is eile.