Àranais a-mach à rianachd
- Air fhoillseachadh
Chan eil gàrradh-togail Àranais ann an Leòdhas, no gàrradh Methil ann am Fìobha, tuilleadh ann an rianachd - às dèidh mar a chaidh an gabhail thairis le companaidh Spàinntich.
Tha an t-aonta laghail fom bi Navantia a' gabhail seilbh air obair agus goireasan na companaidh Harland and Wolff a-nis air a dhol troimhe, agus iad a' gealltainn obair-leasachaidh a dhèanamh aig na gàrraidhean Albannach.
Nì iad cuideachd leasachadh air na gàrraidhean bhàtaichean ann am Béal Feirste agus ann an Appledore an Devon.
Tha timcheall air 150 duine ag obair aig Àranais, le mu 200 ag obair aig Methil.