Naidheachdan 11:00m
- Air fhoillseachadh
Buidseat na h-Alba
Tha caibineat na h-Alba a' coinneachadh an-dràsta a' deasbad aonta dhan phlana buidseit aca. Tha dùil gun gabh ministearan ri gèilleadh ris na h-Uainich agus na Lib Deamaich mu choinneimh taic dhan phlana. Thuirt na Làbaraich ron seo gun seachain iad a' bhòt air a' bhuidseat an ath-sheachdain. Thuirt am Prìomh Mhinistear, John Swinney, gun lean e a' còmhradh ris na pàrtaidhean eile airson làn-thaic fhaighinn.
Eastramachas
Thuirt Sir Keir Starmer gu bheil an Riaghaltas a' beachdachadh gu mionaideach air an dòigh sa bheil iad a' dèiligeadh ri eastramachas agus gu bheil sàbhailteachd a' phobaill na phrìomhachas aca. Tha sin an dèidh do Rùnaire na Dùthcha, Yvette Cooper, aithisg an dèidh ionnsaigh Southport an-uiridh a dhiùltadh. Thuirt an aithisg sin gum bu chòir leithid luchd-iomairt àrainneachd a tha buailteach a bhith ri fòirneart, an fhìor làimh chlì, luchd-teòiridh chuilbheirt agus fir aig a bheil claon-bharail air boireannaich a bhith air liosta an eastramachais.
Àireamh an t-Sluaigh
Tha dùil gun èirich àireamh sluaigh na Rìoghachd Aonaichte gu 75,500,000 ro 2033. Thuirt Oifis nan Staitistig Nàiseanta gur e inimreachas eadar na tha a' tighinn agus a' falbh as motha a tha a' toirt buaidh air an àireamh sin le dùil gum fàs sin mu 4.9 millean thairis air deich bliadhna. Tha dùil gum fàs àireamh sluaigh na h-Alba gu 5.8 millean ro dheireadh na bliadhna 2047.
Cìs an Uisge
Bidh àrdachadh faisg air 10% ann an cìs uisge na h-Alba ghon Ghiblean a' ciallachadh gum bi dachaigh anns a' chumantas a' pàigheadh £44 a bharrachd gach bliadhna. Thuirt Uisge na h-Alba gu bheil àrdachadh a dhìth airson dèiligeadh ri buaidh atharrachadh h-aimsire agus airson seirbheisean uisge agus òtrachais ùra a chumail ri taigheadas.
Gàsa
Tha dùil gun dèan cho mòr ri 500,000 Pailistinianach an slighe dhachaigh gu ceann a tuath Ghàsa an-diugh. Thuirt Hamas gun do rinn còrr 's 300,000 duine an t-slighe sin an-dè. Tha a' mhòr-chuid dhiubh sin a' siubhal air chois a' giùlain na bhuineas dhaibh.
Ath-sgrùdadh Laghail
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' beachdachadh air ath-sgrùdadh laghail iarraidh an dèidh do Riaghaltas na h-Alba cead a thoirt do thuath-gaoithe sam bi 11 chrann ann an Srath Oiceill faisg air an Luirg. Dhiùlt a' Chomhairle na planaichean sin an-uiridh an dèidh còrr 's 200 gearan poblach an aghaidh na sgeama.
Àranais
Ghluais gàrraidhean Àranais ann an Leòdhas agus Methil ann am Fìobha a-mach à rianachd. Ghabh a' chompanaidh Spàinnteach Navantia iad sin thairis aig deireadh na bliadhna an-uiridh. Tha a' chompanaidh a' gealltainn leasachadh aig na gàrraidhean an Alba, agus cuideachd ann am Béal Feirste agus Devon. Tha mu 150 duine ag obair aig Àranais agus mu 200 aig Methil.