No mar as fheàrr a dh'aithnichear - sloinnidhean is far-ainmean gan call?

Seann dealbh de theaghlach GhàidhealachTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Bha là ann nuair a bhiodh na càirdeasean eadar daoine na bhonn còmhraidh agus fios mu shloinnidhean agus far-ainmean a' dol bho ghinealach gu ginealach

  • Air fhoillseachadh

Cò leis thu? Dh'ionnsaich mi gu math cliobhair dè freagairt na ceiste sin nuair a ghluais mi a dh'Eilean Leòdhais aig aois naoi bliadhna.

Bhiodh na bodaich agus na cailleachan ann an Siadar a' Chladaich air an Taobh Siar a' faighneachd cò a bh' annam 's mi a' gabhail cuairt sa bhaile.

Agus ged nach robh ach abairt agus facal no dhà agam sa Ghàidhlig aig an àm b' urrainn dhomh innse dhaibh le misneachd gur mi Nighean Angaidh Eubaidh.

Tha mi cuideachd aithnichte le cuid mar Eilidh Dhubh air sgàth agus gun robh là ann nuair a bha m' fhalt gu math dorcha.

Bha an t-ainmeachadh seo na fhasan fad iomadh linn ann an sgìrean far an robh a' Ghàidhlig ga bruidhinn, le ainmean mar Mhàiri Ruadh neo Pàdraig Fhionnlaigh Iain (sloinneadh athair mo mhàthar às an Eilean Sgitheanach).

Ge-tà, am beachd aon acadamhaiche, tha an cleachdadh sin far am biodh sloinneadh aig daoine ann an coimhearsnachdan Gàidhealach a rèir cò dha am buineadh iad neo far-ainm a rèir an coltais neo adhbhar eile a' sìor dhol à bith.

Iain Mac an TàilleirTùs an deilbh, SABHAL MÒR OSTAIG
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Iain Mac an Tàilleir ag ràdh gu bheil nas lugha de dhaoine a dh'aithnicheas sloinneadh nàbaidhean agus gur e as coireach gu ìre an crìonadh sa Ghàidhlig

Thuirt Iain Mac an Tàilleir, a bha na òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig airson 20 bliadhna agus a tha na eòlaiche air ainmean dhaoine agus ainmean-àite, gun robh e furasta a thuigsinn carson a bha an cleachdadh cho cumanta.

Bha àm ann nuair a bhiodh teaghlaichean a' gabhail ainm ceann-feadhna na sgìre.

Dh'fhàg seo nach biodh ann ach àireamh bheag de shloinnidhean, thuirt e.

Mhìnich Mgr Mac an Tàilleir: "Ann an àiteachan mar Scalpaigh agus na Hearadh bha glè bheag de chiad-ainmean agus sloinnidhean.

"Mar sin dh'fhaodadh gum biodh 30 fireannaich air an robh Iain MacLeòid.

"Ciamar a dh'aithnicheadh tu fear seach fear aca?"

A' gearradh an fheòir sna HearadhTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Bha là ann nuair a bhiodh an aon ainm aig mòran san aon nàbachd agus mar sin bha sloinnidhean air an cleachdadh airson sgaradh a dhèanamh eatorra

'S e am fuasgladh sloinneadh a thoirt orra à rèir cò an sinnsearan, no far-ainm stèidhichte air cò ris a bha iad coltach, cò às an tàinig iad no an dreuchd neo air adhbhar eile.

Bha far-ainmean aig nach robh gnothach ri sinnsearachd uair gu math cumanta cuideachd - Lachie Handbag, Beans, Tatties, The Long-legged Balloon Seller, The Frying Pan agus mar sin air adhart (tha liosta mhòr agam!)

Tha sgìrean sna h-Eileanan an Iar far a bheil leabhrachan-fòn sa bheil na h-ainmean oifigeil aig luchd-còmhnaidh cho math ris na h-ainmean a b' fheàrr a dh'aithnichear iad gu h-ionadail.

Leabhar na Fòn Tùs an deilbh, ANNIE NICSUAIN
Fo-thiotal an deilbh,

Bha sloinnidhean agus far-ainmean luchd-còmhnaidh sa leabhar-fòn ri taobh nan ainmean 'ceart' aca

Tha Iain Mac an Tàilleir den bheachd gur e piseach air seirbheisean telebhisein agus crìonadh sa Ghàidhlig sna h-eileanan as coireach gu ìre gu bheil nas lugha de dhaoine le far-ainm no le sloinneadh a dh'aithnicheas daoine.

Tha e ag ràdh gun robh cleachdadh air a bheil ainmean-tee uair gu math cumanta san ear-thuath de dh'Alba ach gum faodadh gun deach e à bith.

Thogadh Mgr Mac an Tàilleir ann am Moireibh agus thuirt e: "Bha cuid leis an t-sloinneadh Wood agus 's e Deacon a chanar riutha - 's Alexina Deacon mar a b' fheàrr a dh'aithnichear mo shinn-sheanmhair ged 's e an t-ainm oifigeil aice Alexina Wood.

"Bha Mairs air an robh Shavie agus bha cuid de Gardiners aithniche mar Bo."

Calum MacNèill - Calum a' Chal
Fo-thiotal an deilbh,

Calum MacNèill - Calum a' Chal

"Bha an Diog ann, 's bha an Diogain ann, agus an Dìgean, 's an Diogan," thuirt Calum MacNèill a fhuair àrach òg ann an Nasg am Barraigh.

"Ceathrar le far-ainm a bha gu math coltach ri chèile agus gun robh diofar beag air an fhuaimeachadh."

Tha e ag ràdh gun robh sloinnidhean mar am fear aige fhèin, Calum a' Chal, agus far-ainmean gu math bitheanta nuair a bha e a' fàs suas.

Fir agus balaich ag obair aig faingTùs an deilbh, HEBRIDES PEOPLE
Fo-thiotal an deilbh,

Tha beachd ann gur e a bhith ag obair còmhla a bha a' cumail eòlas na daoine mu shloinntearachd beò

An-diugh ge-tà, chan eil e na rud àbhaisteach tuilleadh, tha Calum MacNèill ag ràdh.

"Bha iad mar choimhearsnachd ag obair air a' chroit, bha iad an luib a chèile 's na bailtean a' dèanamh rudan còmhla.

"Bha daoine eòlach air a chèile agus nam biodh iad air stad a ghabhail, agus a' gabhail tàimh is beagan de dh'ùine, bha iad a' bruidhinn air cuspairean eadar-dhealaichte agus bhiodh sloinnidhean a' tighinn an lùib sin."

Ailean Caimbeul
Fo-thiotal an deilbh,

Ailean Caimbeul

Mac Eardsaidh Ailean Alasdair Dhòmhnaill Iain Dubh nam Beann. Sin an sloinneadh aig Ailean Caimbuel a thogadh ann an Calbost san Eilean Sgitheanach.

'S e cleachdadh a bh' ann balach a "bhaisteadh", thuirt e, nuair a chaidh e don ostail-sgoile am Port Rìgh, agus b' e Volt am far-ainm a fhuair Ailean leis gur e AC na prìomh litrichean na ainm.

Tha Ailean ag ràdh gu bheil ùidh mhòr aige sna far-ainmean " èibhinn, eirimseach, biorach agus geur-chainnteach" a thugadh air daoine sna coimhearsnachdan.

"Dhomh-sa dheth, tha e a' sealltainn cho dlùth sa bha na coimhearsnachdan a bha sin agus cuideachd cho cudromach sa bha eirimseachd dhaibh.

"Bha a bhith ag obair còmhla mar phàirt chudromach den dualchas agus 's ann an sin a bhiodh daoine ag aithris ri chèile agus a' tarraing às a chèile agus 's ann às a sin a bhiodh far-ainmean gan cruthachadh.

"Beatha gu math cruaidh, agus tha mi a' smaoineachadh mar sin, gun robh an cothrom gàire a dhèanamh, agus a bhith a' cuimhneachadh air rudeigin èibhinn, bha e cudromach dìreach airson an spiorad a chumail suas."

Annie NicSuainTùs an deilbh, COMANN EACHDRAIDH NIS

Tha Annie NicSuain, no Anna Mhurdaig, bho Chomann Eachdraidh Nis ann an Leòdhas, cuideachd a' mothachadh gu bheil atharrachadh air tighinn air a' chleachdadh sna h-Eileanan an Iar.

Bha i gu mòr an sàs ann a bhith a' cur air adhart foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sna 70an agus leasachadh coimhearsnachd thar nam bliadhnaichean.

Thuirt i: "Nuair a thòisich mi ann an Nis cha robh ach glè bheag de thaighean aig an robh fònaichean - cuimhnich bha seo fada mus robh fònaichean-làimhe ann.

"Bha an comann coimhearsnachd ann an Nis den bheachd gur e rud math a bhiodh ann leabhar-fòn airson na sgìre a bhith ann.

"Bha a' chiad fhear air a chlò-bhualadh le Gaiseat Steòrnabhaigh ann an 1977, tha mi a' smaoineachadh.

"Bha ainmean oifigeil aig daoine agus cuideachd na far-ainmean aca neo an sloinnidhean."

Thàinig ceithir leth-bhreacan a-mach leis an fhear mu dheireadh ann an 2018.

Liosta de dh'ainmean le sloinnidhean agus far-ainmean rin taobhTùs an deilbh, COMANN EACHDRAIDH NIS

Dh'fhoillsich iad cuideachd leabhar sa robh na comharran a bhiodh croitearan a chur ann an cluasan an cuid chaorach.

Bha ainmean oifigeil nan croitearan ann cho math ris an t-sloinneadh neo am far-ainm aca.

Ach le tagaichean eileactronaigeach san là a th' ann, tha an cleachdadh sin cuideachd air a dhol à bith.

Agus thig an là fhathast far nach bi càil a dh'fhios aig duine cò a th' ann an Eilidh Angaidh Eubaidh.

Leabhar nan ComharraidheanTùs an deilbh, ANNIE NICSUAIN