Astar 's cosgais a' sàrachadh euslaintich Bharraigh

Ospadal Naomh Bhrianan, Barraigh
  • Air fhoillseachadh

Chan eil euslaintich ann am Barraigh agus Bhatarsaigh a' faighinn cùraim an-asgaidh nuair a tha e a dhìth.

Sin beachd aon de chomhairlichean na sgìre a tha ag ràdh nach eil an fheallsanachd sin aig an NHS follaiseach aig fìor cheann a deas nan Eilean Siar le siubhal a' cur ùine, maill agus cosgais a bharrachd air daoine a tha feumach air cùram.

Tha bòrd-slàinte na sgìre air a ràdh gu bheil ìre reusanta de thaic ga tabhainn, ach gu bheilear a' tuigsinn na maille a tha daoine a' fulang fhad 's a tha iad a' siubhal airson leigheis.

Ged a tha ospadal ann am Bàgh a' Chaisteil, coltach ri mòran ospadalan ionadail anns na h-eileanan, chan eil gach goireas ann 's a tha uaireannan a dhìth.

Le sin, aig amannan, tha feum air siubhal a Steòrnabhagh airson cuid de choinneamhan agus chùraim mheadaigeach.

Tha seirbheis adhair air a ruith eadar Beinn nam Fadhla agus Steòrnabhagh.

Chan eil sin na freagairt shìmplidh dhaibhsan ann am Barraigh ge-tà, a rèir Katag NicNìll, a tha an sàs sa bhuidhinn Cobhair Bharraigh.

"Ma tha thu air chomas falbh air itealan, feumaidh tu a dhol a dh'Uibhist an oidhche ron àm oir tha an t-itealan a' fàgail Uibhist cho tràth 's nach urrainn dhut a dhol a-null air a' chiad bhàt'-àiseig agus faighinn oirre."

"Tha sin a' ciallachadh gu bheil thu 's docha dà oidhche air falbh bhon taigh, nuair a dhèanadh aon oidhche an gnothaich."

"Tha cosgais ann an sin. Ged a tha am bòrd- slàinte a' toirt dhut beagan de dh'airgead air ais, chan eil thu a' faighinn uiread 's a chosgas e.

"Leis a sin, feumaidh daoine a dhol nam pòcaid fhèin."

Fo-thiotal a’ bhidio,

Tha Katag NicNìll air ghrunn sgeulachdan a chluinntinn mu thrioblaidean siubhail dhaoine eadar Barraigh is Steòrnabhagh

An roghainn eile a th' aig daoine am Barraigh, 's e siubhal mu 100 mìle, thairis air dà aiseag agus rathaidean gu ruige prìomh bhaile nan Eilean Siar. Slighe fiù 's air an là as fheàrr, a bheir co-dhiù còig uairean de thìde.

"Chan eil an gnothach cho dona ma tha càr agad fhèin no mar bheireas cuideigin suas a Steòrnabhagh thu," thuirt Katag.

"Mura h-eil, feumaidh tu a bhith an earbsa tacsaidh.

"Fàgaidh an tacsaidh thu air a' chidhe, agus feumaidh tu fhèin 's dòcha coiseachd air bòrd an aiseig. Chan eil sin uaireannan cho furasta a rèir na tha ceàrr air an duine."

"Chan eil e freagarrach idir idir."

Rud a tha gu sònraichte a' cur dragh air cuid an-dràsta, 's e gu bheil lioft air an MV Loch Portain briste agus a' feitheamh air a càradh.

Tha CalMac ag ràdh gum faod cuid de dhaoine fuireach anns na carbadan aca tron t-seòladh.

Tha plana èiginn gus daoine a thoirt far a' bhàt'-aiseig feumach air daoine a bhith anns na seòmraichean gu h-àrd ge-tà, agus 's ann an sin a tha na taighean beaga cuideachd.

Tha CalMac a' moladh, mura h-eil a bhith a' dìreadh staidhre an Loch Portain iomchaidh do dhaoine, gum faodar slighe Loch nam Madadh – Ùige – an Tairbeart a ghabhail, ged a chuireadh sin pìos math ri slighe a tha fada mar-thà.

Eadar sin, agus an comas a bhith a' feitheamh ghreisean fada air cidheannan a rèir cuin a ruigeas daoine iad ann an tacsaidh, no an càr aca fhèin, tha Katag den bheachd gu bheil droch bhuaidh ann.

"Tha e a' cur gu leòr de dhaoine dheth, gu h-àraid seann daoine. Chan eil e math dhan slàinte, an riasladh a tha sin a' faighinn air ais agus air adhart a dh'ospadal."

Chan e an siubhal fhèin, no cho mì-chofhurtail 's a dh'fhaodadh daoine a bhith, an aon dragh do dhaoine ann am Barraigh ge-tà, ach a' chosgais a tha na lùib cuideachd.

Leis an ùine a tha daoine a' toirt gus faighinn a Steòrnabhagh agus air ais, tha cuid aig amannan a' cur grunn làithean seachad air falbh bhon taigh.

Le sin, thathar feumach air àiteachan-fuirich fhaighinn, agus tha cosgaisean bìdh agus eile ann, nach biodh cho àrd nam biodhte air chomas a dhol dhachaigh.

Sin a thuilleadh air a' chosgais siubhail fhèin. Tha sin air aon de chomhairlichean Bharraigh agus Bhatarsaigh – Coinneach MacIllEathain - fhàgail draghail, gu bheil daoine san sgìre a' pàigheadh fada cus airson cùraim, an comas ri cuid eile air feadh na dùthcha.

"Tha pàirt de na cosgaisean sin air am pàigheadh air ais, ach chan eil e a' tighinn faisg air an t-suim gu lèir."

"Nam bheachd-sa, tha sin a' dol an aghaidh feallsanachd an NHS gu bheil cùram ri fhaighinn, an-asgaidh, nuair a tha e a dhìth."

"Chan e sin mar a tha e do dhaoine ann am Barraigh agus Uibhist, feumar an t-uabhas a phàigheadh, a thuilleadh air a bhith a' siubhal astair mhòir."

A rèir bhòrd-slàinte nan Eilean Siar, tha sgeama siubhail airson na Gàidhealtachd 's nan Eilean a' toirt airgid seachad do dhaoine a tha a' fuireach còrr air 30 mìle bhon ospadal air a bheilear feumach air tadhal.

Tha an t-airgead sin airson siubhail agus àiteachan-fuirich do dh'euslaintich leithid iadsan a tha a' siubhal a Steòrnabhagh à Barraigh.

Fo-thiotal an deilbh,

Tha cuid ann am Barraigh airson sgèith a Ghlaschu airson leigheis ma tha cothrom aca, no seirbheis a bhith aca a Steòrnabhagh

Thuirt àrd-oifigear NHS nan Eilean Siar, Gòrdan Jamieson, gun robh "na h-ìrean againne coltach, no nas fheàrr, an comas ri coimhearsnachdan eileanach eile."

"Gu tric tha sinn a' dèanamh comas eadar sinn fhèin, Arcaibh agus Sealtainn gus dèanamh cinnteach gu bheil sinn a' tabhainn ìre fhreagarraich de thaic."

"Chan eil dùil gun tèid 100% de na cosgaisean a phàigheadh tron sgeama. Ma tha thu a' fuireach pìos air falbh bho far a bheil feum agad a dhol, thèid pìos mòr den sin a phàigheadh air ais, ach cha tèid 100%."

Tha na gnothaichean seo uile air deasbad a thogail air am biodh e na b' fheàrr do dh'euslaintich à Barraigh agus Bhatarsaigh a bhith air an cur gu ruige Ghlaschu airson cùraim, seach a Steòrnabhagh.

Le suas ri dà itealan san là a' fàgail Tràigh Mhòr Bharraigh 's gun ach mu uair de thìde ann eadar sin agus Port-adhair Ghlaschu, tha cuid den bheachd gum biodh sin na b' fhasa do dhaoine a tha air chomas faighinn air bòrd an itealain.

Tha cuid a' dèanamh sin mar thà airson leigheis shònraichte ann an ospadail a' bhaile mhòir, ach tha ceist air cuid, am bu chòir sin a bhith na roghainn shoilleir aig ìre nas tràithe.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Tha Cathraiche Bhòrd-Slàinte nan Eilean Siar, Gòrdan Jamieson, ag ràdh gum bu mhath leis a' bhòrd cùram a thoirt seachad anns an sgìre fhèin

Tha NHS nan Eilean Siar air a ràdh gum bu mhath leotha cùram a thabhainn taobh a-staigh a' bhùird-slàinte fhèin.

Thug iad rabhadh seachad cuideachd gum faodadh daoine a bhith a' feitheamh nas fhaide airson leigheis air tìr-mòr na bhiodh aig Ospadal nan Eilean.

Dh'fhaodadh duilgheadasan eile a bhith ann cuideachd, am beachd Mhgr Jamieson.

"Bhiodh barrachd strì agad gnothaichean fhaighinn air £60 air tìr-mòr an comas ri na h-Eileannan an Iar," thuirt e.

"Tha prìs thaighean-òsta ann an Glaschu agus Dùn Èidean uaireannan gu math àrd. "Cha tèid an t-airgead sin uabhasach fada ma thèid thu gu tìr-mòr airson leigheis."

Tha tuigse air muintir nan eilean air sin, a rèir Katag – a thuilleadh air buannachdan eile an cois Ospadal nan Eilean.

"Gu h-àraid le seann daoine, tha iad a' dol an lùib dhaoine a tha tuigseach, agus a bhruidhinneas an cànan riutha. Tha sin math."

"Cha chanainn gur e sin (an cùram) an trioblaid idir, ach faighinn ann agus faighinn às."

Tha moladh air a bhith ann airson seirbheis adhair à Barraigh gu ruige Steòrnabhagh.

Tha Comhnairle nan Eilean Siar air innse air a' mhìos seo fhèin gum biodh seo san amharc dhaibh nam biodh dòigh aca air a maoineachadh.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Tha an Comh. Coinneach MacIllEathain den bheachd gu bheil cùram air fàs na bu mhiosa thairis air na bliadhnaichean mu dheireadh do mhuintir Bharraigh is Bhatarsaigh

Ged a dh'aidich Mgr Jamieson gum biodh buannachd na chois dhan bhòrd-slàinte, cha b' urrainn dha gealltainn gum biodh am bòrd-slàinte air chomas taic maoineachaidh a thabhainn air a son.

"Tha mi cinnteach gun cuireadh gu leòr fàilte air a leithid," thuirt e.

"Chuireadh sinn fhèin fàilte air rud den t-seòrsa sin, ach gu follaiseach tha e an urra ris na goireasan agus an t-airgead a tha ri fhaotainn gus na seirbheisean a-bharrachd sin a thabhainn.

Le sporran gach buidhne poblaich gann, chan eil ceist gu bheil duilgheadasan an cois fuasgladh sam bith a fhreagras air a h-uile duine.

San eadar-ama, tha uallach air a' Chomh. Coinneach MacIllEathain gun cùm muinntir Bharraigh is Bhatarsaigh orra a' pàigheadh, len cuid airgid, len cuid ùine, agus len cuid cofurtachd airson seirbheisean a tha cho faisg air làimh do mhòran eile de shluagh na h-Alba.

"Tha sinn gu math eòlach gu bheil sinn a' fuireach ann an eilean, agus nach eil gach rud gu bhith mar bu chòir," thuirt e.

"'S e gu bheil seirbheis slàinte againn a tha nas miosa a-nise na bha bho chionn 20 bliadhna.

"Tha mise air seargadh fhaicinn ann. Tha e uabhasach."