Taisbeanadh ealain le Gàidhlig aig a chridhe a' fosgladh

Dealbhan aig taisbeanadh ealain Buaile
  • Air fhoillseachadh

Tha toradh obair luchd-ealain a fhuair brosnachadh bhon eòlas aca air cultar, cànan agus tìr nan Gàidheal gu bhith ri fhaicinn aig taisbeanadh a dh'fhosglas ann an Inbhir Nis Disathairne.

Tha 'Buaile' a' toirt 20 luchd-ealain bho air feadh Alba còmhla airson an obair a tha freumhaichte sa Ghàidhlig a shealltainn don phoball.

Bidh an taisbeanadh ri fhaicinn ann an diofar làraichean sa bhaile, nam measg Eden Court agus Acadamaidh Chruthachail Inbhir Nis, 'Wasps'.

Pìos ealain aig an taisbeanadh Buaile

Tha curaidaiche na h-Ealain aig Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Inbir Nis, Kirsten Body, air a dòigh leis an obair a chaidh a chruthachadh.

"Bha mi an dòchas gun dearbhadh seo gu bheil ginealach ùr de luchd-ealain a tha airson obair a dhèanamh stèidhichte air cò às an tàinig iad agus càite a bheil iad gun aca ri fàgail na Gàidhealtachd agus nan Eilean mar a bha uair a' tachairt."

Obair ealain aig an taisbeanadh Buaile
Fo-thiotal an deilbh,

Chleachd an luchd-ealain diofar modhan agus meadhanan

'S i Raghnaid Sandilands aon den luchd-ealain a rinn obair le bhith a' coimhead tro phrosbaig Ghàidhealaich.

"Nan dòigh fhèin, tha an luchd-ealain a' sgrùdadh na dàimh le tìr bho shealladh cànain agus tha iad a' cur suim ann an ainmean, ann an sgeulachdan nan daoine agus an eòlas a th' aca air an dualchas.

"Tha iad a' cleachdadh diofar modh agus meadhan gus sin a dhèanamh," thuirt Raghnaid.

Raghnaid Sandilands agus Kirsten Body
Fo-thiotal an deilbh,

An neach-ealain Raghnaid Sandilands còmhla ri Kirsten Body bho Thaigh-tasgaidh agus Gailearaidh Inbir Nis

Tha dòchas ann gum faic na thig dhan taisbeanadh rudeigin a bheir orra smaoineachadh air am fèin-aithne mar Ghàidheal.

Thuirt Raghnaid: "Tha luach nas motha sna fìrinnean a tha ri lorg san obair agus an dùrachd a tha sin mun chultar 's mu shuidheachadh mion-cànain agus an gnàth-shìde, agus eòlas dualchasach agus gu bheil sin fialadh is farsaing agus carson nach bitheadh," thuirt Raghnaid.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Turas timcheall Buaile

Tha Emily NicDhòmhnaill na h-oifigear Gàidhlig aig Eden Court: "Tha fìor mheasgachadh de dhiofar sheòrsachan ealain ann - eadar peantadh, snaidheadh agus Manga.

"Tha sinn airson 's gun tig daoine agus bidh rudeigin ann a chòrdas riutha le cinnt.

"Tha na pìosan ealain seo uile ag innse dhuinn rudeigin mu dheidhinn cultair is cànain agus tìr nan Gàidheal agus gu bheil sealladh car diofraichte aig an luchd-ealain seo."

Bidh Buaile fosgailte don phoball bhon 25mh den Fhaoilleach chun an 22an den Mhàrt.