Thalla à Hiort!
- Air fhoillseachadh
Bha cleachdadh aig muinntir Hiort o shean, nuair a bhiodh iad ann an cruaidh-chàs gu h-àraid, gun cuireadh iad seòrsa de bhàta bheag air bog le teachdaireachd air a sèaladh na broinn, 's gun leigeadh iad leatha a dhol ron ghaoith feuch càite an ruigeadh i.
'S e bàta-puist Hiortach a chanar ris a leithid an-diugh, ri linn cleachdadh nan Hiortach.
Bithear fhathast ris a' chleachdadh, a dh'aindeoin 's gu bheil a bhith a' cur teachdaireachd ann am botal nas cumanta.
Chaidh bàta-puist Hiortach a chur gu sàl an-uiridh, le teachdaireachd feuch càite an landaigeadh i, agus a-niste nochd i a ceann air costa iar-thuath Nirribhidh.
B' e Gàidheal - Alasdair MacEachainn - a chuir an tè seo ro na siantan, agus chaidh fios a chur air leis na naidheachdan telebhisein ann an Nirrbhidh, taobh a-muigh.
"A' dol air ais ann an eachdraidh Hiort, seo an dòigh a bh' aca," thuirt Mgr MacEachainn ri BBC Naidheachdan.
"Bha iad a' cur litrichean is cairtean ann an cnag-fiodha a bha air a ghearradh a-mach is liod air a chur oirre, 's puta air a chur oirre.
"Chan e eathar a th' ann - tha mi a' creidsinn gu bheil e nas coltaiche ri modal beag.
"Tha seo a-niste caran na annas do dhaoine a bhios a' dol a-mach (gu Hiort).
"Bhiodh iad uaireigin, nuair a bhiodh na buidhnean-obrach a' dol a-mach, aig Urras Nàiseanta na h-Alba, a' cur seachad seachdain a-muigh an sin 's bhiodh iad a' cur tè ri chèile 's a' cur litrichean is cairtean thuca fhèin anns a' bhàta-bheag 's an uair sin ga cur air bhog.
"Tha e caran annasach a bhith a' feitheamh feuch an tig i air tìr an àiteigin - agus càite an tig i air tìr.
"Air na cuairtean a bhios mi a' dèanamh a Hiort as t-samhradh, bidh mi a' cur tè de na bàtaichean beaga a tha seo ri chèile 's a' ceangal puta rithe.
"'S bidh an fheadhainn a tha a' dol còmhla rium, bidh mi ag innse dhaibh mar a bhithear a' cur chairtean is litrichean annta, 's ma bha iad airson cairt a sgrìobhadh 's an seòladh aca fhèin a chur oirre agus stampa, gum faodadh sinn seo fheuchainn air an rathad nuair a bhiodh sinn a' fàgail Hiort.
"Bidh thu a' cur fiosrachaidh am broinn na cnaig a tha seo ag innse cò às a dh'fhalbh i, agus bidh mi a' cur seòladh puist-dealain is rudan mar sin air.
"An turas seo, a rèir choltais, thàinig brath thugam bho na meadhanan ann an Nirribhidh fhèin, gun deach an stòiridh seo a chraobh-sgaoileadh 's gun robh e air an telebhisean 's gun do thog iad dealbh den fheadhainn a fhuair am bàta, agus iad a' fosgladh na cnaig a bha seo 's an uair sin a' toirt às nan cairtean.
"'S ann mar sin a thàinig brath à Nirribhidh.
"Chan e seo a' chiad tè a th' air Nirribhidh a ruighinn
"Tha iad buailteach air gluasad a tuath leis an t-sruth, ged a tha tè no dhà dhiubh thairis air na bliadhnaichean air tighinn a-nall an taobh seo dha na h-Eileanan an Iar, a' mhòr-chuid dhiubh tha iad a' gluasad a tuath le Sruth na h-Atlantaig a Tuath," thuirt e.
Tha fhios mar sin, gum biodh na Hiortaich fhèin fortannach dha-rìribh freagairt fhaighinn.
Chan eil Mgr MacEachainn cho cinnteach mu dheidhinn sin.
"Tha mi a' smaointinn gun robh e air obrachadh a-mach aig na Hiortaich ann an dòigh 's gum biodh fios aca, bhiodh iad gu math cinnteach nuair a chuireadh iad a-mach am fiosrachadh anns a' bhàta bheag a bha seo gun tigeadh i tarsainn an t-slighe a bu ghiorra faighinn gu tìr, mar gum biodh.
"A' faighinn tarsainn an seo a dh'Uibhist no a Leòdhas no dha na Hearadh.
"Gun robh an gnothach air obrachadh a-mach aca a rèir an làin agus an t-srutha agus na gaoithe, agus gu math tric gun cuireadh iad a-mach i le sruth caran làidir.
"Bhiodh i a-bhos air an taobh seo ma dh'fhaoidte Leòdhas no anns na Hearadh no Uibhist an taobh a-staigh dà là."